Tha bùird-stiùiridh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar air bhòtadh gu h-aon ghuthach airson co-aonadh.
Choinnich na bùird san t-Samhain 2022 gus aontachadh gu foirmeil ris a’ mholadh airson co-aonadh agus ris a’ chùis gnothachais, a tha a-nis air a dhol gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta ron cheann-latha co-aonaidh a tha air a mholadh airson ceann-latha san Lùnastal 2023.
Tha co-dhùnadh nam bùird a’ leantainn air 10 seachdainean de cho-chomhairleachadh poblach, a bha a’ ruith eadar 8 Lùnastal 2022 agus 14 Dàmhair 2022. Chaidh am fios air ais bhon cho-chomhairleachadh a sgrùdadh gu neo-eisimeileach le Ashbrook Research and Consultancy agus faodar fhaicinn a-nis:
Geàrr-chunntas air an fhios air ais bhon cho-chomhairleachadh
Tha obair a’ dol air adhart a-nis gus dèanamh cinnteach gum bi na trì colaistean deiseil airson a’ cho-aonaidh.
Ma tha ceistean sam bith agaibh mun cho-aonadh a tha air a mholadh, cuiribh post-d a dh'ionnsaigh rural-islands-merger@uhi.ac.uk