susbaint

Mòran taing don h-uile neach a ghabh pàirt sa cho-chomhairleachadh againn mu ainm agus dearbh-aithne na colaiste.  Chuir còrr air 200 neach fios air ais thugainn.

Tha fios againn cho cudromach ’s a tha dearbh-aithne ionadail, agus mar sin bha e gu math dùbhlanach a bhith a’ faighinn ainm airson ar colaiste cho-aonaichte a tha a’ dol le brannd UHI agus a’ dèiligeadh ris an raon mhòr chruinn-eòlach sa bheil a’ cholaiste againn stèidhichte.

Rinn sinn co-chomhairleachadh le luchd-obrach, oileanaich, feadhainn a dh’fhaodas a bhith nan oileanaich san àm ri teachd, luchd-fastaidh, feadhainn aig a bheil buaidh agus prìomh luchd-ùidh eile on taobh a-muigh bho raointean nan trì colaistean. 

Tron cho-chomhairleachadh, bha taic air leth ann airson ar feallsanachd – na bha sinn airson a choileanadh – agus is e seo bun-stèidh ar co-dhùnadh.

  • Ainm a tha a’ ceangal nan trì colaistean
  • Ainm a tha sìmplidh, ladarna agus àrd-mhiannach
  • Ainm a tha a’ cumail suas ceangal làidir ri ar n-àite/suidheachadh cruinn-eòlach
  • Dearbh-aithne a tha a’ cur-ris an oidhirp margaidheachd air an taobh a-muigh agus a tha a rèir brannd UHI
  • Dearbh-aithne a tha a’ comharrachadh an dualchais agus an traidisein Gàidhlig agus Beurla

Bha cuideachd taic air leth mòr ann airson a bhith a’ comharrachadh ar fo-dhearbh-aithnean ionadail tron bhranndadh. 

Rinn sinn co-chomhairleachadh air trì roghainnean:

  • UHI Atlantaig
  • UHI Iar Agus Tuath
  • UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

Bha againn cuideachd ri beachdachadh air an ìre mhath 100 moladh.

Choinnich ar Bòrd Com-pàirteachais aig deireadh na Samhna 2022 gus beachdachadh air an fhios air ais air fad a fhuaireadh agus gus a thighinn gu co-dhùnadh mun ainm airson ar colaiste co-aonaichte.  Tha sinn air ainm a thaghadh a tha in-ghabhalach agus a tha a’ comharrachadh ar dearbh-aithne ionadail air leth.  Thug Comann Oileanach na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) taic dhan cho-dhùnadh cuideachd. 

Coimhead air a’ bhidio ag ainmeachadh ar n-ainm:

gd-content