susbaint

A collage of images featuring landscapes across the North and West Highlands and Hebrides

 

An dèidh a’ cho-dhùnaidh le Bùird Riaghlaidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar, aontachadh gu foirmeil ris a’ mholadh co-aonadh, bidh am Bòrd Com-pàirteachais a chaidh a stèidheachadh gus a bhith a’ stiùireadh na cùise airson co-aonadh, a’ dol à bith agus na àite thèid Bòrd Eadar-amail a stèidheachadh.

Bidh am Bòrd Eadar-amail aig a’ cheann thall a’ dol na Bhòrd Stiùiridh dhan cholaiste cho-aonaichte.  An dèidh dhan Chathraiche a bhith suidhichte, bidh buill neo-eisimeileach, luchd-obrach agus oileanaich air an cur air a’ Bhòrd Eadar-amail. 

Bidh bùird riaghlaidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ leantainn orra ag obair taobh ri taobh ris a’ Bhòrd Eadar-amail gus an ceann-latha co-aonaidh a tha air a mholadh airson an Lùnastal 2023.