Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail
Gus taic a chumail ri obair UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, thèid comataidhean comhairleachaidh ionadail a stèidheachadh ann an Ceann a Tuath na Gàidhealtachd, taobh an iar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan Siar.
Bidh comataidhean comhairleachaidh ionadail ag aithris do bhòrd-stiùiridh na colaiste ùire, agus cuidichidh iad gus dèanamh cinnteach gu bheil UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall a’ leantainn air adhart a’ coinneachadh ri feumalachdan a choimhearsnachdan ionadail, a’ toirt seachad stiùireadh agus cunntachalachd ionadail.
Tha co-chomhairleachadh a’ dol air adhart a-nis air raon-ùghdarrais, bun-reachd, cleachdaidhean obrachaidh, agus ballrachd chomataidhean comhairleachaidh ionadail.
Bu chòir do fhreagairtean mu na cumhaichean iomraidh a bhith air an cur a-steach mu 12m air Diciadain 19 Iuchair gu Fiona Sinclair, Proifeiseantach Riaghlaidh, Bòrd Eadar-ghluasad UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.
Thèid buill a thrusadh an dèidh do UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a bhith air a stèidheachadh air 1 Lùnastal.