Tràth ann an 2021, chuir na bùird-stiùiridh aig UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar coimisean air chois gus ath-sgrùdadh a dhèanamh mun ro-innleachd fad-ùine aca airson an àm ri teachd.
Chaidh Bòrd Com-pàirteachais a stèidheachadh anns an t-Sultain 2021 gus rannsachadh foirmeil a chur air dòigh airson breithneachadh air co-aonadh.
An dèidh sin chaidh tachartas lèirsinnidh a chumail le còrr air 50 riochdaire bho bhùird nan colaistean, luchd-obrach agus oileanaich gus sgrùdadh a dhèanamh air ar n-amasan agus àrd-mhiannan cruinneil, agus na dh’fhaodadh a bhith air a choileanadh. Chuir mòran an cèill an dealas, an toileachas agus an taic gus tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air mar as urrainnear na molaidhean a ghluasad air adhart. Tha comas aig na molaidhean co-aonaidh:
- A bhith a’ lìbhrigeadh colaiste a thogas air sàr-mhathas agus ealantas nan trì colaistean gnàthach againn, a’ cruthachadh atharrachadh ann an ionnsachadh, sgilean, iomairt agus ùr-ghnàthachadh san sgìre againn.
- A bhith ag àrach colaiste a bheir co-ionannachd chothroman gu bith agus a bheir buaidh mhath agus adhartach air beatha agus beairteas ar daoine anns na coimhearsnachdan dùthchail is eileanach as laige ann an Alba agus san RA.
- A bhith a’ toirt barrachd tèarainteachd obrach do luchd-obrach, a bhith a’ lìbhrigeadh curraicealam nas seasmhaiche agus a’ tabhann cothrom ann an adhartachadh dreuchd.
Chaidh ciad co-chomhairleachadh a chumail le luchd-obrach, oileanaich agus am poball tràth ann an 2022. Tha fios air ais bhon chiad cho-chomhairleachadh air taic a thoirt don làn mholadh co-aonaidh agus a’ chùis gnothachais, a chaidh fhoillseachadh air tùs air 8 Lùnastal 2022.
Bòrd a’ Com-pàirteachais
Bòrd a’ Com-pàirteachais
Do na h-institiudan a tha airson sgrùdadh a dhèanamh air co-aonachadh, bha feum air bòrd com-pàirteachais a stèidheachadh gus mion-fhiosrachadh mun chùis gnìomhachais co-aonaidh a leasachadh. Bha e a’ feumachdainn riochdachadh bho na colaistean a bha a’ tighinn còmhla, an dà chuid neo-ghnìomha agus prionnsapalan, luchd-obrach, oileanaich agus prìomh luchd-ùidh eile. Chaidh stèidheachadh air a leithid de bhòrd aontachadh aig coinneamh buidheann stiùiridh co-thaobhaidh na colaiste aig deireadh an Iuchair 2021. Aig a’ choinneimh sin chuir cathraichean nan colaistean a bha a’ tighinn còmhla an Dr Mìcheal Foxley an dreuchd mar chathraiche air a’ bhòrd com-pàirteachais.
Tha an t-aonta airson bòrd com-pàirteachais agus cumhachan iomraidh a chruthachadh an seo. Tha dreach le ainm-sgrìobhte agus ceann-latha air a chumail mar chlàr.
Tha buill cunbhalach a’ bhùird com-pàirteachais air am mìneachadh gu h-ìosal. Far nach urrainn do bhall a bhith an làthair thèid fear eile a chomharrachadh agus cuireadh a thoirt dha.
Ainm | Tiotal | Fastaichte le | An làthair mar |
---|---|---|---|
An Dr Mìcheal Foxley | Cathraiche a’ Bhùird Com-pàirteachais | Cathraichean nan Colaistean | Cathraiche Neo-eisimeileach |
Derek Lewis | Cathraiche UHI Gàidhealtachd an Iar | UHI Gàidhealtachd an Iar | Ball |
Robbie Rowantree | Cathraiche UHI Gàidhealtachd a Tuath | UHI Gàidhealtachd a Tuath | Ball |
Eairdsidh Dòmhnallach | Cathraiche Colaisde a’ Chaisteil UHI | UHI Innse Gall | Ball |
Lydia Rohmer | Prionnsapal UHI Gàidhealtachd an Iar | UHI Gàidhealtachd an Iar | Ball |
Debbie Mhoireach | Prionnsapal UHI Gàidhealtachd a Tuath | UHI Gàidhealtachd a Tuath | Ball |
Sue NicPhàrlain | Prionnsapal UHI Innse Gall | UHI Innse Gall | Ball |
Florence Jansen | Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA) | HISA | Ball |
Buill cuairteachaidh Ciaran Gibson Tyler Daniels Sophie-Ann Baine |
Riochdaire HISA airson UHI Gàidhealtachd an Iar UHI Innse Gall UHI Gàidhealtachd a Tuath |
HISA | Ball |
Nigel Patterson | Riochdaire luchd-obrach | UHI Gàidhealtachd an Iar | Ball |
Magnus MacDhaibhidh | Riochdaire luchd-obrach | UHI Gàidhealtachd a Tuath | Ball |
Gareth Davies | Riochdaire luchd-obrach | UHI Innse Gall | Ball |
A bharrachd air an sin, bidh na buill a leanas an làthair :
Ainm | Tiotal | Fastaichte le | An làthair mar |
---|---|---|---|
Linda NicLeòid | Leas-stiùiriche eadar-amail (Ruigsinneachd, Ionnsachadh agus Toraidhean) | Comhairle Maoineachaidh na h-Alba | Neach-amhairc |
Morvern Chamshron | Ceannard Oilthighean, Foghlam agus Sgilean | Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean | Neach-amhairc |
Max Brown | Stiùiriche a’ Phrògraim | Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean | Taic pròiseict |
Steven Gregg | Manaidsear Pròiseict | Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean | Taic pròiseict |
Shirley MacBean | Co-òrdanaiche a’ Phrògraim | Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean | Clàrc a’ Bhùird |
Rachel Cumberland | Co-òrdanaiche Co-aonadh na Colaiste | Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean |
Co-òrdanaiche pròiseict |
Helen Aird | Oifigear Chonaltraidhean Co-aonaidh | UHI Gàidhealtachd an Iar | Taic pròiseict |