Moladh co-aonaidh susbaint

Moladh co-aonaidh

Còmhla, is sinne do cholaiste agus oilthigh ionadail. Mar bhuidhnean fa leth, bidh sinn a’ toirt taic dha na coimhearsnachdan ionadail againn tro bhith toirt cothrom air ionnsachadh aig a h-uile ìre; trèanadh agus leasachadh sgilean airson luchd-fastaidh ionadail; agus rannsachadh a cho math ri gin sam bith san t-saoghal. Tha miann-soirbheachaidh againn gum bi ar coimhearsnachdan ionadail nas fheàrr mar àitean airson fuireach, obair, agus ionnsachadh le bhith toirt cothrom dhan a h-uile airson ionnsachadh aig gach ìre.

Ach, chan urrainn dhuinn a chumail a’ dol mar a tha sinn – a dh’aindeoin mar a tha sinn air soirbheachadh, tha na colaistean againn beag, cha bhith fàs anns a’ mhaoineachas againn airson bhliadhnaichean ri teachd, cosgaisean ruithe gun choimeas agus tha sinn ag obair thar choimhearsnchdan sgaoilte far a bheil an àireamh-shluaigh beag agus a’ lùghdachadh.

Le bhith tighinn còmhla, cruthaichidh sinn buidheann a tha nas deimhinniche, nas ath-leumaichte, nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche a thaobh maoineachais. Bheir seo an cothrom dhuinn a chumail a’ dol a fhrithealadh nan comhearsnachdan ionadail againn anns an dòigh a tha sinn a’ dèanamh an-dràsta, ach còmhla bidh an comas againn fàs agus greimeachadh air na cothroman sòisealta, cultarail, agus eaconamach a tha anns an sgìre againn. Tha co-aonachadh a’ ciallachadh gum bi sinn a’ dèanamh barrachd agus chan e nas lugha.

Tha mòr-thoileachas againn a bhith ag obair còmhla gus colaiste ùr, mheudmhor, bhuadhmhor a chruthachadh nar sgìre. Tha sinn den bheachd gun toir an co-aonadh cruth-atharrachadh air ar coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach, ach tha e cudromach gun dèan sin seo gu ceart.

Tha sinn a’ cur fàilte air na beachdan agad air a’ mholadh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuat.

Robbie Rowntree, Cathraiche Bùird, UHI Gàidhealtachd a Tuath

Eardsaidh Dòmhnallach, Cathraiche Bùird, UHI Innse Gall

Derek Lewis, Cathraiche Bùird, UHI Gàidhealtachd an Iar

Leugh am moladh slàn airson co-aonadh agus airson a’ chùis gnìomhachais

Carson a tha sinn a’ breithneachadh air co-aonadh? susbaint

Carson a tha sinn a’ breithneachadh air co-aonadh?

Carson a tha sinn a’ breithneachadh air co-aonadh?

Tràth ann an 2021, choimiseanaich na bùird-stiùiridh aig UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar ath-sgrùdadh mun ro-innleachd fad-ùine aca airson an àm ri teachd. Tha an aon seòrsa dùbhlain aig gach aon de na trì colaistean leis an t-suidheachadh dhùthchail, agus eileanach aca, a’ toirt a-steach:

  • Tional Oileanach
  • Gearraidhean dearbh-luach ann am maoineachas
  • Deamografach òigridh a tha beag agus a’ crìonadh
  • Curraicealaman as urrainn thar-iadhadh no farpais an aghaidh a chèile
  • Dìth-chomais a fhreagairt air cothroman sgìreil
  • Feum aig na làraichean air seilbheachd

Rinn galar mòr-sgaoilte Covid-19, Brexit agus staing cosgais bith-beò na dùbhlain sin na bu mhiosa.

Chaidh Bòrd Com-pàirteachais a stèidheachadh anns an t-Sultain 2021 gus rannsachadh foirmeil a chur air dòigh airson breithneachadh air co-aonadh. Thòisich a’ chiad co-chomhairleachadh le luchd-obrach, oileanaich, agus a’ mhor-shluagh tràth ann 2022. Tha fios air ais bhon a’ chiad cho-chomhairleachadh air taic a thoirt dhan a’ mholadh airson a’ cho-aonaidh shlàn agus airson a’ chùis gnìomhachais a leasachadh.

Ar lèirsinn airson an àm ri teachd susbaint

Ar lèirsinn airson an àm ri teachd

Ar lèirsinn airson an àm ri teachd

Tro bhith co-aonaichte cruthaichidh sinn institiud bhunaiteach mheudmhor, bhuadhmhor taobh a-staigh UHI, a’ toirt taic do 9,000 oileanach agus 600 luchd-obrach tarsainn 19 àrainnean dùthchail agus eileanach agus ionadan ionnsachaidh air a’ Ghàidhealtachd, an t-Eilean Sgitheanach, agus an Innse Gall. Le bhith tighinn còmhla, bidh cothrom nas fheàrr againn rudan a dhèanamh nas fheàrr – a’ soirbheachadh an àite a bhith beò air èiginn. Nì sinn seo:

  • Bheir sinn còmhla ar tàlantan, eòlas, agus goireasan gus structar nas làidire, nas ath-leumaichte, agus nas èifeachdaiche a chruthachadh airson luchd-obrach, a dh’fhosglas a-mach cothroman airson leasachadh proifeasanta agus a ghleidheas obraichean.
  • Fàsaidh sinn nas ath-leumaichte a thaobh ionmhas, le ro-innleachd làidir a bhios ann an suidheachadh nas fheàrr airson dèiligeadh ris na h-atharrachaidhean agus na dùbhlainn a tha ann agus a bhios ann nar n-àrainneachd ionmhasail.
  • Leasaichidh sinn ar curraicealam treasach gus tairgse nas fharsainge a thabhainn dha na h-oileanaich againn, a’ taobhachadh le prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba agus na sgilean a dh’fheumas eaconomaidh ar sgìre anns an àm ri teachd.
  • Fàsaidh sinn rannsachadh agus ùr-ghnàthachas còmhla gus buaidh nas làidire a a bhith againn tarsainn ar sgìre.
  • Fòcasaichidh sinn ar co-neartan air leasachadh chothroman gnothachais agus coimeirsealta, gu h-àraidh anns na h-eaconomaidhean gorm agus uaine.
  • Leasachaidh sinn gnàth-eòlas nan oileanach le bhith tabhainn eòlas deagh-ghnè gu cunbhalach tarsainn ionnsachadh agus teagasg agus taic, agus a’ toirt inntrigidh leasaichte do theicneòlas, do na goireasan againn agus do chothroman sòisealta.
  • Cruthaichidh sinn èifeachdasan a leigeas leinn na chaomhnas sinn a dh’ath-thasgadh dìreach air ais a-staigh dhan cholaiste agus dar luchd-obrach, a’ dèanamh cinnteach gum bi na dùilean anns a’ chùis ghnìomhachais againn airson aonadh air an coileanadh.
Ar lèirsinn, misean, agus luachan susbaint

Ar lèirsinn, misean, agus luachan

Ar lèirsinn, misean, agus luachan

Vision, mission, values, Gaelic medium strategic framework

 

Na prìomh phrionnsabalan agus na dleastanasan againn susbaint

Na prìomh phrionnsabalan agus na dleastanasan againn

Na prìomh phrionnsabalan agus na dleastanasan againn

A’ togail airson an àm ri teachd 

A’ cruthachadh comasachd agus a’ leasachadh stiùireadh agus ceannardas gus cuideam a chur air fàs agus in-ionmhas.

A’ dèanamh barrachd, chan e nas lugha

A’ comasachadh tuilleadh ùr-ghnàthachas, curraicealam, rannsachadh agus fàs coimeirsealta gus ar luchd-obrach, oileanaich agus coimhearsnachdan a chuideachadh.

A’ fuireach ionadail

A’ fàs gu bhith na colaiste a tha meudmhor agus buadhmhor, a soirbheachas le aon bhòrd-stiùiridh, buidheann gnìomha, agus ro-innleachd, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil stiùireadh agus obrachaidhean ionadail ann, làthaireachd làidir ionadail nar coimhearsnachdan, agus ceanglaichean seasmhach le luchd-ùidh a leanas.

Mar phàirt den phròiseas airson co-aonadh, tha sinn a’ gealltainn:

  • Nach bi pàigheadh dheth èigneachail ann air sgàth a’ cho-aonaidh.
  • Gum bi sinn ag obair gu ro-ghnìomhachail agus gu co-obrachail tron phròiseas le ar luchd-obrach, oileanaich, luchd-ùidh air an taobh a-muigh agus nan aonaidhean-ciùird.
  • Gum bi inbhe chorpaichte aig a’ cholaiste ùr, cho-aonaichte, a’ dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig luchd-obrach air na teirmichean agus na cumhaichean anns an roinn phoblaich, sgeamaichean pheinnsean na lùib.
  • Gum bi còmhraidhean nàiseanta air pàigh, barganachadh nàiseanta, agus cumhachan-obrach cothromach ann.
  • Gum bi caomhnaidhean a thig bhon cho-aonadh a tha air a mholadh, air an ath-sheilbheachadh anns a’ churraicealam, an luchd-obrach no na làraichean.
  • Gun cùm sinn ar n-aire air cùisean agus feumalachdan ionadail anns gach rud a nì sinn tro bhith a’ cur air dòigh comataidhean comhairleachaidh ionadail thar na sgìre a bhios a’ biadhadh a-steach dhan a’ phrìomh bhòrd-stiùiridh aig a’ cholaiste.
Na prìomh thèaman againn susbaint

Na prìomh thèaman againn

Na prìomh thèaman againn

Bheir an co-aonadh cothrom dhuinn a dhol an sàs gu h-iomlan dhan dreuchd againn mar institiud treasach – colaiste agus oilthigh, a bheir cothrom air ionnsachadh sùbailte agus taiceil dhan a h-uile, bho ìre inntrigidh gu PhD, a’ freagairt air barrachd dhaoine, air barrachd ìrean, airson barrachd adhbharan.

Còmhla, bheir sinn aon phlana churraicealam co-thaobhaichte, dòigh lìbhrigidh co-cheangailte agus so-leantainneach, agus dòigh-dhèiligidh cho-sheasmhach gu ionnsachadh agus teagasg agus rannsachadh. Bidh guth nas làidire againn, nas co-òrdanaichte, a leasaicheas ar cliù agus ar ceangal le luch-ùidh agus a cheanglas na coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach gus taic shlàn a thoirt do inntrigidh gu ‘ionnsachadh fad-beatha’ gun a bhith aig neach an sgìre aige fhèin fhàgail.

Bidh na tèaman a leanas ag iomain nan amasan agus nan dùilean againn:

  • Institiud bhunaiteach airson na sgìre: bidh prìomh àite aig a’ cholaiste cho-aonaichte ann a bhith ag iomain ath-nuadhachadh eaconomach agus cruth-atharrachadh tro fhoghlam, rannsachadh, àrdachadh sgilean, agus ath-sgileadh.
  • Foghlam treasach ùr-ghnàthach: lìbhrigidh sinn curraicealam treasach a bhios so-ruigsinneach agus so-leantaineach gus taic a thoirt do leasachadh sgilean thar ar roinne, a bheir builean deimhinneach do na h-oileanaich agus a mheudaicheas gu làn ìre dhaibh so-ruigsinneachd agus luach an airgid.
  • Co-obrachadh airson ath-leumachd agus seasmhachd: tro cho-chleachdadh ghoireasan, a’ togail sgiobaidhean/sheirbheisean co-chuimseach agus a’ roinn eòlas, fàsaidh sinn gu bhith nar buidheann nas ath-leumaichte agus nas seasmhaiche gu ionmhasail.
  • Sàr-ghnàth-eòlas airson nan oileanach, thasgaichte ann an làraich: co-thaobhachaidh sinn ris an iomadh feumalachd a tha aig agus a bhios aig oileanaich agus aig luchd-fastaidh, a’ dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ leasachadh mhodhan teagaisg aghaidh ri aghaidh, foghlam co-mheasgaichte, agus ionnsachadh air loidhne.
  • Coimhearnsnachdan agus làraichean soirbheachail: leasachaidh sinn agus cuiridh sinn an gnìomh ro-innleachd roinneil airson ar làraichean a chumas a dh’ionmhasachadh anns na goireasan as ùra air an tàillearachadh airson an cleachdadh anns a’ choimhearsnachd agus airson nam feumalachdan caochlaideach aig na h-oileanaich air fad. 
  • Obair-rannsachaidh mheudaichte, ceanglaichean, agus malairt-fiosrachaidh: meudaichidh agus neartaichidh sinn an cultar-rannsachaidh taobh a-staigh na colaiste co-aonaichte agus meudaichidh sinn a’ bhuaidh air ar roinn, le barrachd chothroman do luchd-obrach agus oileanaich a bhith nan rannsaichean tro bhith neartachadh speisealachaidhean làithreach agus tro bhith co-òrdanachadh an teagaisg againn gu h-èifeachdach.
  • In-ionmhasachadh eaconamach buadhmhor: còmhla, leasaichidh agus cumaidh sinn tairgsean coimeirsealta agus co-chomhairleachaidh a bhios feumail agus freagarrach do na h-iarrtasan aig buidhnean prìobhaideach agus poblach anns na prìomh earrannan eaconomach thar ar roinne.
  • A’ comasachadh cultar ar roinne tron Ghàidhlig, dhual-chainntean roinneil agus cultaran nan Nòrdach: cumaidh sinn oirnn a bhith ag obair le buidhnean-gnìomha nàiseanta gus an cuidich iad barrachd ann a bhith a’ toirt taic do leasachadh foghlam thidsearan Gàidhlig agus tro leasachadh phrògraman air loidhne agus lìbhrigeadh co-mheasgaichte eadar cùrsaichean goirid agus ceuman slàn air loidhne.
Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson nan oileanach againn susbaint

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson nan oileanach againn

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson nan oileanach againn

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson nan oileanach againn:

  • Tairgse ionnsachaidh nas fharsainge, nas seasmhaiche ri thaghadh aig ar n-oileanaich, a’ toirt dhaibh slighean soilleir airson a dhol air adhart agus airson a ghluasad a-steach gu obair no tuilleadh ionnsachaidh.
  • Barrachd chothroman do dh’oileanaich prògraman speisealta a thaghadh a bhios aig na colaistean fhèin, mar dàn-thurasachd, goilf, stiùireadh fearann, seasmhachd, agus àrc-eòlas.
  • Gnàth-eòlas nas cunbhalaiche airson nan oileanach thar nan 19 ionadan ionnsachaidh agus àrainnean againn tro a bhith roinn deagh-chleachdadh ann an ionnsachadh agus teagasg agus taic oileanach.
  • Stuth-teagaisg leasaichte air loidhne a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh àrd-chàileach, seasmhach ann ge air bith càite a roghnaicheas tu ionnsachadh.
  • Guth agus tairgse shòisealta nas làidire aig na h-oileanaich tro bhith cruthachadh sgioba HISA ionadail nas treasa gus taic a thoirt do na h-oileanaich gu h-ionadail agus a choileanas na tairgsean sgìreil a tha ann mu thràth.
  • Turas ionnsachaidh nas cothromaiche agus nas èifeachdaiche – o fheòrachadh gu tagradh, gu inntrigeadh, ionnsachadh agus ceumnachadh – tro fhiosrachadh, sgilean, ghoireasan agus phròiseasan co-roinnte.
  • Seilbheachd ann an teicneòlas, taic oileanach agus làraichean – a’ gabhail a-steach àite-fuirich nan oileanach.
Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar luchd-obrach susbaint

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar luchd-obrach

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar luchd-obrach

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar luchd-obrach:

  • Barrachd chothroman do luchd-obrach air obair cho-obrachail, fiosrachadh agus eòlas a roinn, an cleachdadh as fheàrr a leasachadh, agus dòighean ùra a leasachadh.
  • Barrachd chothroman airson leasachadh pearsanta agus proifeasanta a’ toirt a-steach adhartas, fo-fhastadh, agus speisealachadh.
  • Toileachadh obrach agus misneachd luchd-obrach agus sùbailteachd air am meudachadh le bhith cruthachadh sgiobaidhean nas ath-leumaichte, nas motha, agus nas treasa.
  • Tèarainteachd-dhreuchd nas fheàrr tro bhith cruthachadh buidheann nas seasmhaiche gu h-ionmhasail.
  • Cothram barrachd agus chan e nas lugha a dhèanamh, a’ toirt a-steach leasachadh curraicealaim, co-obraidhean, rannsachadh, ùr-ghnàthachas agus iomairt.
  • Cothrom nas fheàrr air comhairle agus taic speisealta, eadar acadaimigeach, proifeasanta, agus pearsanta.
  • Cothrom air teirmichean agus cumhaichean anns an roinn phoblaich, sgeamaichean pheinnsean nan lùib, agus gealltanas a bhith an sàs ann an còmhraidhean nàiseanta air pàigh, barganachadh nàiseanta, agus cumhachan-obrach cothromach.
Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar coimhearsnachdan susbaint

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar coimhearsnachdan

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar coimhearsnachdan

Prìomh bhuannachdan bho cho-aonadh airson ar coimhearsnachdan:

  • Sealbh a chur nar làraichean gus coimhearsnachdan ionadail a chuideachadh tro chothroman ionnsachaidh aghaidh ri aghaidh.
  • Sealbh a chur nar bun-structar speisealaichte, a’ leudachadh chothroman airson taic a thoirt do chomasan didseatach agus air loidhne.
  • A’ cruthachadh buidhean aonaichte, aon-ghuthach. Aon àite coinneachaidh airson chom-pàirtichean agus luchd-ùidh.
  • Comas na ceanglaichean a tha ann a neartachadh agus ceanglaichean ùra a leasachadh a chumas a’ dol fàs eaconamach, sòisealta, agus cultarail anns na coimhearsnachdan againn.
  • Leudaich an tairgse ionnsachaidh againn airson nan oileanach, a bhios ceangailte ri feumalachdan luchd-fastaidh ionadail, agus prìomhachasan sgìreil agus nàiseanta, a bhrosnaicheas/a thàlas daoine gus fuireach anns na coimhearsnachdan againn.
  • A’ fòcasadh gu ro-ghnìomhach air cultar, dualchas, agus cànan gus taic a thoirt gus ar fèin-aithneachaidhean ionadail a ghleidheadh thar na Gàidhealtachd, an Eilein Sgitheanaich, agus an Innse Gall, le gealltanas gus ath-bheòthachadh na Gàidhlig adhartachadh.
Ceannardas agus riaghlachas susbaint

Ceannardas agus riaghlachas

Ceannardas agus riaghlachas

Chaidh Bòrd Com-pàirtiche a stèidheachadh anns an t-Sultain 2021 gus dèanamh cinnteach gum biodh dòighean èifeachdach riaghlachais ann gus colaiste cho-aonaichte a chruthachadh, le ùghdarras air a thiomnadh bho Bhùird-stiùiridh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall, agus UHI Gàidhealtachd an Iar.

Ma dhearbhas na bùird-stiùiridh aig na trì colaistean a’ chùis airson co-aonadh anns an t-Samhain 2022, bidh ceannas aig a’ Bhòrd Chom-pàirtiche gus Ceannard Ainmichte, Bòrd Eadar-ghluasadach, agus Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a chur ann an dreuchd. Nì am pròiseas seo cinnteach gum bi ceannardas ionadail agus ro-innleachdail ann an àite mar a ghluaiseas sinn air adhart leis a’ cho-aonadh, a’ mac-samhlachadh deagh-chleachdadh ann an riaghlachas corporra.

Bidh Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail a’ dèanamh cinnteach gum bi:

  • Ceangal làidir ann ris na coimhearsnachdan ionadail againn, a’ dearbhadh gun tèid èisteachd ris a’ ghuth ionadail anns gach co-dhùnadh.
  • Stiùireadh ionadail tron phlanadh agus tron chur an gnìomh.
  • Colaiste ùr a’ lìbhrigeadh nan amasan aice airson choimhearsnachdan ionadail, agus gum bi i a’ freagairt nan cothroman ro-innleachdail, nam pròiseactan agus nan com-pàirteachaisean.

Bidh ballrachd a’ Bhùird Eadar-ghluasadaich agus nan Comataidhean Comhairleachaidh Ionadail air an tarraing anns a’ chiad àite bho na buill air bùird cholaistean an-dràsta, le cothroman ann airson buill ùr a thighinn orra. Bidh aig gach Comataidh Comhairleachaidh cathraiche, agus iar-chathraiche a tha nam buill air a’ Bhùird Eadar-ghluasadaich.

Gluaisidh am Bòrd Eadar-ghluasadaich gu bhith na Bhòrd-stiùiridh aig na colaiste ùire air latha an èididh agus coimheadaidh iad an dèidh prìomh fhoincseanan mar ionnsachadh agus teagasg, ionmhas agus sgrùdadh-airgid, stiùireadh làraichean, goireasan daonna agus leasachadh eagrachaidh.

Loidhne-ama susbaint

Loidhne-ama

Loidhne-ama

Lùnastal 2022: Co-chomhairleachadh poblach 10-seachdain a’ tòiseachadh
Dàmhair 2022: Co-chomhairleachadh poblach 10-seachdain a’ dùnadh
Samhainn 2022: Thèid iarraidh air bùird nan colaistean ris a’chùis gnìomhachais airson co-aonadh a cheadachadh
Samhainn 2022: Ceannard Ainmichte agus Cathraiche a’ Bhùird Eadar-ghluasadaich air an cur ann an dreuchd
Samhainn 2022: Tagradh airson a’ chùis gnìomhachais a’ dol dhan Riaghaltas
Lùnastal 2023: Ceann-latha a tha ann am beachd airson èideadh na colaiste ùire