Na Colaistean againn susbaint

Na Colaistean againn

UHI partner colleges GD

 

Tha com-pàirteachas a UHI nam measg UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall and UHI Gàidhealtachd an Iar.

 
UHI Gàidhealtachd a Tuath susbaint

UHI Gàidhealtachd a Tuath

UHI Gàidhealtachd a Tuath

Tha làraichean aig UHI Gàidhealtachd a Tuath ann an Inbhir Theòrsa, Hàcraig, Dàrnach agus Alanais. ’S e dachaigh do Einnseanaireachd, Teicneòlas agus Ionad Cumhachd a tha ann an Inbhir Theòrsa, an goireas as motha agus as uidheamaichte den t-seòrsa air Taobh Tuath na h-Alba. Tha na cùrsaichean ann an eòlas eich, geamaireachd agus stiùireadh fearainn agus stiùireadh goilf a’ tàladh àireamhan mòra de dh’oileanaich à taobh a-muigh na sgìre. Tha an Institiud airson Rannsachadh na h-Àrainneachd a’ dèanamh rannsachadh a tha cho math ri rannsachadh sam bith san t-saoghal. Bidh e a’ fòcasadh air gnòthaichean na h-àrainneachd a tha a’ bualadh air an sgìre agus mar as urrainn do na stòrasan nàdarra againn a bhith air an cleachdadh gu seasmhach.

Tha UHI Gàidhealtachd a Tuath aig a cheart àm a’ fastadh 253 neach-obrach agus a’ frithealadh 2147 oileanaich ann am foghlam adhartach, 388 oileanaich aig an àrd-ìre agus 90 oileanach for-cheum (2021/22).

 

 

UHI Innse Gall susbaint

UHI Innse Gall

UHI Innse Gall

Tha àrainnean aig UHI Innse Gall ann an Steòrnabhagh, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas, Barraigh, agus Beinn na Faoghla. Tha speisealachaidhean agus rannsachadh a tha iad a’ dèanamh a’ faighinn spèis mhòr ann an raointean mar eòlas-teagaisg didseatach, einnseanaireachd na cumhachd, àrc-eòlas, leasachachadh seasmhach, agus tha iad làidir ann a bhith a’ toirt taic do na gnìomhachasan cruthachail mar ceòl Gàidhlig, agus cànan agus cultar. Tha an t-Ionad airson Rannsachadh agus Foghlam Air Loidhne a’ toirt taic do rannsachadh ann am foghlam agus leasachadh ann an ionnsachadh agus cleachdaidhean ann an teagasg. Tha an t-Ionad airson Ùr-ghnàthachas a’ cuideachadh ghnìomhachasan beaga leis na h-ùr-ghnàthachasan aca agus ceumnaichean gus tòiseachadh gnìomhachas as ùr.

Tha UHI Innse Gall an-dràsta a’ fastadh 139 luchd-obrach agus a’ frithealadh 875 oileanaich ann am foghlam adhartach, 350 oileanach ann am foghlam aig àrd-ìre agus 270 oileanaich for-cheum (2020/21).

UHI Gàidhealtachd an Iar susbaint

UHI Gàidhealtachd an Iar

UHI Gàidhealtachd an Iar

Tha 10 làraichean agus ionadan ionnsachaidh aig UHI Gàidhealtachd an Iar thairis air Loch Abar, an t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois, a tha a’ toirt a-steach An Gearastan, Ulapul, Geàrrloch, Uachdar Thìre, An t-Ath Leathainn, Port Rìgh, Malaig, Cille Chòmhain, Sròn an t-Sìthein agus Ceann Loch Lìobhann. ’S iad na speisealachaidhean sònraichte aca dàn-thachartasan air a bhlàr a-muigh agus turasachd mara tro Sgoil Ionnsachadh Dàn-thachartasan agus an t-Ionad airson Chur-seachadan agus Rannsachadh Turasachd. Tha an t-Ionad aca airson Saothrachadh Adhartachadh a’ toirt taic do ghnìomhachasan beaga agus meadhan-meud anns an sgìre. Tha an tairgse aig an ‘Sgoil Mas-fhìor’ aca a’ fosgladh chothroman inntrigidh do chùrsaichean aig àrd ìre airson na sgoilearan as sine anns na h-àrd-sgoiltean air feadh na sgìre.

Tha iad a’ fastadh 190 luchd-obrach an-dràsta agus a’ frithealadh 2484 oileanaich an am foghlam adhartach, 666 oileanaich ann am foghlam àrd ìre agus 4 oileanaich for-cheum (2020/21).