Ainm na colaiste cho-aonaichte air fhoillseachadh

Bidh colaiste ÙR airson Taobh Tuath agus Siar na Gàidhealtachd agus Innse Gall air a h-aithneachadh mar UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall an uair a thig na trì colaistean còmhla.

Air a’ mhìos a chaidh seachad dh’aontaich bùird stiùiridh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar gu foirmeil ris a’ mholadh co-aonaidh agus a’ chùis gnothachais, a chì iad a’ tighinn còmhla mar aon cholaiste UHI bhon Lùnastal 2023, ma gheibhear aonta bho Riaghaltas na h-Alba. 

Ghabh còrr air 200 neach com-pàirt sa cho-chomhairleachadh mu ainm, a’ gabhail a-steach luchd-obrach, oileanaich, feadhainn a dh’fhaodas a bhith nan oileanaich san àm ri teachd, com-pàirtichean on taobh a-muigh, luchd-fastaidh agus feadhainn aig a bheil buaidh. 

Chaidh taic air leth a thoirt don bhòrd co-chomhairleachaidh airson ainm a tha a’ comharrachadh fèin-aithne ionadail agus a tha a’ dol leis a’ bhrannd UHI a tha ann cheana stèidhichte air àite.

Bheachdaich am Bòrd Com-pàirteachais, a chaidh a stèidheachadh airson cùis a’ cho-aonaidh a stiùireadh, air grunnan roghainnean, ach bhathar a’ meas gur e UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a b’ in-ghabhalaich. Thug Comann Oileanach na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) taic dha cuideachd. 

Thuirt an Dr Michael Foxley, Cathraiche a’ Bhùird Com-pàirteachais, “Tha sinn taingeil dhan h-uile neach a ghabh pàirt sa cho-chomhairleachadh seo oir bha am fios air ais deatamach don obair co-dhùnaidh againn.  Tha ar luchd-obrach, oileanaich agus luchd-ùidh ceart a bhith pròiseil mu na coimhearsnachdan ionadail aca, agus mar sin dh’fheumadh sinn co-dhùnadh a bha in-ghabhalach, ach aig a’ cheart àm a bhith a’ comharrachadh ar dearbh-aithne sònraichte ionadail thar  raon cruinn-eòlach a tha mu mheud na Cuimrigh.  Is e clach-mhìle chudromach a tha seo, a tha a’ comharrachadh toiseach caibideil ùr agus a’ cruthachadh stèidh dhaingeann gus gluasad air adhart gu deimhinneach le ar luchd-ùidh air fad gu ceann-là co-aonaidh an ath bhliadhna.” 

Bidh ainm na colaiste dà-chànanach gus ar dualchas Gàidhlig a chomharrachadh.

Le bhith a’ tighinn ri chèile, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar buidheann nas seasmhaich le comas agus stòras co-aonaichte gus an curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas fhàs; ar com-pàirteachasan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh a bhith a’ dèiligeadh ris a’ ghainnead sgilean san sgìre againn; agus a bhith a’ fàs nas so-fhreagrach ris na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach sna roinnean againn.

Le 9000 oileanach, 600 luchd-obrach agus 19 ionadan-ionnsachaidh bho Gallaibh agus Cataibh, Ros is Crombaidh gu Loch Abar, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar, tha a’ cholaiste cho-aonaichte ann an deagh àite gus solair Gàidhlig a leasachadh agus freagairt air prìomh earrannan fàis na roinne a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach a tha an cois neoni-dì-charbonachadh, lùth ath-nuadhachail, einnseanaireachd, sàr shaorachadh agus tuathanachas uisge.