Bùird rianachd a’ bhòtadh airson co-aonadh cholaistean

Tha bùird-stiùiridh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar air bhòtadh gu h-aon ghuthach airson co-aonadh.

Choinnich na bùird gu foirmeil an t-seachdain a chaidh gus aontachadh ris a’ mholadh airson co-aonadh agus ris a’ chùis gnothachais, a tha a-nis air a dhol gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta ron cheann-latha co-aonaidh a tha air a mholadh airson ceann-latha san Lùnastal 2023. 

Tha taic aig a’ mholadh airson co-aonadh agus aig a’ chùis gnothachais bho UHI, mar am Buidheann Roinneil Ro-innleachdail, cho math ri na prìomh bhuidhnean, eagrachasan agus riochdairean poilitigeach a’ gabhail a-steach nam BPAan airson raon na colaiste co-aontaichte - Alasdair Allan BPA nan Eilean Siar, Ceit Fhoirbeis, BPA An Eilean Sgiathanaich, Loch Abair agus Bàideanach agus Maree Todd BPA airson Gallaibh, Cataibh agus Ros – Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus Leasachadh Sgilean Alba.

Le bhith a’ tighinn ri chèile, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar buidheann nas seasmhaich le comas agus stòras co-aonaichte gus an curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas fhàs; ar com-pàirteachasan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh a bhith a’ dèiligeadh ris a’ ghainnead sgilean san sgìre againn; agus a bhith a’ fàs nas so-fhreagrach ris na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach sna roinnean againn. 

Le 9000 oileanach, 600 luchd-obrach agus 19 ionadan-ionnsachaidh bho Gallaibh, Cataibh agus Ros is Crombaidh gu Loch Abar, Loch Aillse, An t-Eilean Sgiathanach agus Na h-Eileanan an Iar,  tha a’ cholaiste co-aonaichte ann an deagh àite gus freagairt air prìomh earrannan fàis na roinne a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach a tha an cois neoni-dì-charbonachadh, lùth ath-nuadhachail, einnseanaireachd, sàr shaorachadh agus tuathanachas uisge.

Tha an co-dhùnadh le na bùird a’ leantainn air 10 seachdainean de cho-chomhairleachadh poblach agus cuairt shoirbheachail le Comhairle-maoineachaidh na h-Alba gu campasan anns a’ Gearasdan, Steòrnabhagh agus Inbhir Theòrsa.

Fhuair an co-chomhairleachadh poblach a-mach gun robh a’ mhòr-chuid den luchd-obrach, oileanaich, luchd-ùidh on taobh a-muigh agus buill den phoball taiceil dhan chùis airson co-aonadh, agus mu lèirsinn, misean agus luachan na colaiste co-aonaichte.  Bha còrr air trì chairteal den luchd-obrach a fhreagair dhan bheachd gum biodh buaidh dheimhinneach aige agus gu neartaicheadh e gnìomhan nan colaistean, agus bha a’ mhòr chuid de na h-oileanaich a chaidh a cheasnachadh dhan bheachd gum biodh buaidh dheimhinneach aige air am fèin-fhiosrachadh oileanach.

Bha nithean deimhinneach eile co-cheangailte ris a’ cho-aonadh a’ gabhail a-steach cothroman a bharrachd airson leasachadh luchd-obrach, fèin-fhiosrachadh oileanach àrdaichte, so-sheasmhachd ionmhasail, tuilleadh roghainnean cùrsa do dh’oileanaich agus an cothrom cuimseachadh air na neartan coitcheann aig na trì colaistean gus taic nas fheàrr a thoirt do ar coimhearsnachdan ionadail.  Chaidh sùim a ghabhail cuideachd de cho deònach ’s a bha prìomh luchd-ùidh taic a thoirt dhan cho-aonadh. 

Thuirt Mìcheal Foxley, Cathraiche Bòrd a’ Chom-pàirteachais a tha a’ stiùireadh prògram a’ cho-aonaidh: “Tha an co-dhùnadh seo mar dhearbhadh air an deagh obair sgioba agus neart dheimhinneach an sgioba gnìomha, sgioba a’ phrògraim aonaidh, buill bùird, luchd-obrach agus oileanaich.  Tha lèirsinn soilleir againn airson ar colaiste co-aonaichte agus the amasan fàis againn gus a bhith a’ leasachadh ar com-pàirteachasan agus gus a bhith a’ stèidheachadh cothroman ionnsachaidh agus trèanaidh ùra a bhios nam buannachd dhìreach dha na coimhearsnachdan againn, a’ brosnachadh barrachd dhaoine a thighinn a dh’fhuireach, a dh’ionnsachadh agus a dh’obair air feadh Ceann a Tuath agus Siar na Gàidhealtachd agus ann an Innse Gall.  Is e àm air leth inntinneach agus deimhinneach a tha seo airson nan trì colaistean againn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu com-pàirteachail leis an luchd-ùidh againn air fad agus sinn a’ gluasad air adhart gu ceann-latha stèidheachaidh an ath bhliadhna.”

Thuirt Heather Innes, Ceann-suidhe Comunn Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA): “Tha HISA toilichte leis a’ cho-dhùnadh a chaidh a dhèanamh a dhol air adhart le bhith a’ co-aonadh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Gàidhealtachd an Iar agus UHI Innse Gall gu bhith na aon stèidh nas làidir agus nas seasmhaich.  Mar bhuidheann air a stiùireadh le oileanaich tha sinn pròiseil gun deach oileanaich a mhisneachadh gu bhith a’ toirt am beachdan agus an smuaintean seachad mun mholadh.  Tha sinn airson leantainn oirnn ag obair gu dlùth le luchd-obrach agus oileanaich UHI gus dèanamh cinnteach gum bi guth nan oileanach a’ leantainn air ann a bhith mar phàirt mhòr dhen phròiseas ann a bhith a’ cruthachadh a’ cholaiste as fheàrr airson nan oileanach a tha againn an-dràsta agus an fheadhainn a bhios againn san àm ri teachd.”

Tha na trì colaistean air dearbhadh a-cheana:

  • Nach bi neach sam bith air a phàigheadh dheth gu h-èigneachail sam bith ann mar thoradh dìreach air a’ cho-aonadh.
  • Gun cùm an luchd-obrach na teirmichean is cumhaichean fastaidh làithreach aca an uair a bhios iad a’ dol dhan cholaiste co-aonaichte.
  • Bidh inbhe corpaichte aig a’ cholaiste cho-aonaichte, a’ dearbhadh cothrom airson sgeamaichean peinnsein na h-earrainn phoblaich. Tha na colaistean a-cheana air gealltainn gabhail ri barganachadh nàiseanta a thaobh pàigheadh.
  • Thèid gabhail ri modail de rianachd sgaoilte, a’ dèanamh cinnteach gum bi àrd-cheannardas sgaoilte thairis air raon na colaiste cho-aonaichte.
  • Thèid comataidhean comhairleachaidh ionadail a stèidheachadh gus d1eanamh cinnteach gum bi beachdan luchd-ùidh ionadail air an cluinntinn.

Leanaidh an obair air adhart a-nis gus dèanamh cinnteach gum bi na trì colaistean deiseil airson a’ cho-aonaidh san Lùnastal 2023.  Tha co-chomhairleachadh a’ leantainn mu ainm na colaiste co-aonaichte.

CRÌOCH

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Helen Aird, Oifigear Conaltraidh a’ Cho-aonta, aig merger.sco@uhi.ac.uk  no cuir fòn gu 07584 616 252.  

 

Notaichean do luchd-deasachaidh 

 

1. Is e UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar ainmean malairt Colaiste Gàidhealtachd a Tuath UHI, Colaisde Caisteal Leòdhais UHI, agus Colaiste Gàidhealtachd an Iar UHI.  

2. Tha UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar nan com-pàirtichean de UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean com-pàirteachas treas ìre eadar-mheasgte a tha a’ frithealadh ar coimhearsnachdan agus co-cheangailte ris na feuman aca.  Tha sinn a’ tabhann ionnsachadh sùbailte agus le taic bho ìre inntrigidh gu Phd, cho math ri cothroman rannsachaidh freumhaichte ann an àite agus adhbhar.  Is e ar prìomh neart an t-iomadachd agus an sùbailteachd a tha nar com-pàirteachas, a tha a’ leigeil leinn a bhith a’ lìbhrigeadh barrachd. 

3. Tha UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ toirt taic do 9000 oileanach agus 600 neach-obrach ann am 19 làrach campais iomallach, dùthchail agus eileanach air feadh na Gàidhealtachd, An t-Eilean Sgitheanach agus nan Eilean an Iar.