Cathraiche ainmichte airson colaiste aonaichte air a chur an dreuchd

THA cathraiche ainmichte air a chur an dreuchd gus aonadh UHI Gàidhealtachd a Tuath , UHI Innse Gall, agus UHI Gàidhealtachd an Iar, a stiùireadh agus a bhuileachadh.

Bidh Derek Lewis, a tha na chathraiche air bòrd-stiùiridh UHI Gàidhealtachd an Iar an- dràsta, os cionn a’ bhùird eadar-ghluasaid, ag obair gu dlùth le Lydia Rohmer, Prionnsapal Ainmichte, UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, còmhla ri bùird UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a dh’ionnsaigh ceann-latha aonaidh san Lùnastal 2023 nuair a bhios e na chathraiche air a' cholaiste ùir.

Tha eòlas farsaing aig Derek ann an dreuchdan mar chathraiche, àrd-oifigear, stiùiriche no urrasair bhuidhnean ann an raointean leithid foghlam, trèanadh, telebhisean, prìosanan, cùram slàinte, teicneòlas agus cùram sòisealta. Tha e an-dràsta a’ ruith a ghnìomhachas tuathanachais, coilltearachd agus turasachd fhèin anns a’ Mhorbhairne, agus tha e na stiùiriche air Taigh-staile ùr Nc’nean.

Thuirt Alastair MacColla, cathraiche cùirte UHI: “Tha beairteas de eòlas aig Derek ann am foghlam às deidh dha a bhith na iar-sheansalair agus ionmhasair ann an Oilthigh Essex, na riaghladair sgoile, ball de bhòrd comhairleachaidh Sgoil Ghnothachais Lunnainn agus cathraiche chompanaidhean a tha a’ toirt seachad phreantasachdan, seirbheisean cosnaidh agus luchd-teagaisg. Còmhla ris an eòlas a th’ aige air a bhith ag obair leis an riaghaltas, eòlas ionadail agus dealas a thaobh a bhith a’ fuireach ann agus a’ cur ri coimhearsnachdan Gàidhealach, tha e air leth math mar thagraiche airson na dreuchd seo, agus tha mi a’ coimhead air adhart ris na mìosan agus na bliadhnaichean inntinneach a tha romhainn nuair a nochdas UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.”

Thuirt Derek Lewis, cathraiche ainmichte na colaiste aonaichte: “Tha na cothroman a tha fosgailte do na coimhearsnachdan a tha air am frithealadh leis na trì colaistean a thig còmhla gus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a chruthachadh fìor mhòr, an dà chuid anns na roinnean traidiseanta agus ann an roinnean ùra a tha a’ tighinn am bàrr. Tha na dùbhlain cuideachd eagalach. Bidh an sgèile agus an t-eòlas aig a’ cholaiste ùr gus an trèanadh agus am foghlam a tha a dhìth air an luchd-obrach a thoirt seachad, ris a bheil luchd-fastaidh a’ sùileachadh agus a tha riatanach ann a bhith a’ tàladh dhaoine a dh’obair agus a dh’ionnsachadh san sgìre. Bidh e cuideachd ann an suidheachadh nas fheàrr airson an rannsachadh a tha deatamach do shunnd sòisealta, cultarail agus eaconamach na sgìre a leantainn, agus aig an aon àm a’ cur ri agus a’ tarraing neart bho na leasachaidhean ris a bheil dùil ann an com-pàirteachas UHI.

“Tha mi air bhioran leis an dùil a bhith ag obair leis a’ bhòrd eadar-ghluasaid fhad ’s a tha e ga stèidheachadh agus le Lydia Rohmer agus an sgioba stiùiridh ùr aice gus na rùintean sin a thoirt gu buil. Bheir an aonachadh trì colaistean air leth agus na sgiobaidhean aca còmhla. Bidh e na urram dhuinn cuideachadh le togail air na choilean iad ann a bhith a’ frithealadh ar n-oileanaich, ar luchd-obrach, fastaichean agus coimhearsnachdan air feadh na sgìre.”

Air a’ mhìos a chaidh, chuir bùird-stiùiridh nan trì colaistean aonta foirmeil ris a’ mholadh co-aonaidh agus a’ chùis gnothachais, a tha a-nis air a chur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta.

Le bhith tighinn còmhla, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar buidheann nas seasmhaiche le comas agus goireas còmhla gus curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh fhàs; ar com-pàirteachasan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh dèiligeadh ri gainnead sgilean san raon againn; agus a bhith nas mothachail air na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach nar roinnean.

Le 9000 oileanach, 600 neach-obrach agus 19 ionadan ionnsachaidh agus àrainnean a’ sìneadh bho Ghallaibh is Cataibh, Ros is Cromba gu Loch Abar, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, agus na h-Eileanan an Iar, tha a’ cholaiste aonaichte ann an suidheachadh air leth freagarrach airson solar Gàidhlig a leasachadh agus freagairt a thoirt do prìomh roinnean fàis, a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach timcheall air dì-charbonachadh lom neoni, lùth ath-nuadhachail, innleadaireachd, saothrachadh adhartach, agus tuathanachas-uisge.

Tha co-dhùnadh nam bùird an dèidh co-chomhairleachaidh poblach 10-seachdainean agus turas soirbheachail le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba gu àrainnean sa Ghearasdan, Steòrnabhagh agus Inbhir Theòrsa.

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air   www.rural-islands-merger.uhi.ac.uk