Co-chomhairleachadh air a chur air chois mu chomataidhean comhairleachaidh ionadail

Tha co-chomhairleachadh air a bhith air a chur air chois mu raon-dleastanais comataidhean comhairleachaidh ionadail gus taic a thoirt do dh’obair UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Co-aonaidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar air 1 Lùnastal gus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a stèidheachadh.

Tha a’ cholaiste am beachd comataidhean comhairleachaidh ionadail a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil i a’ leantainn air adhart a’ coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh a coimhearsnachdan ionadail, a’ tabhann tar-shealladh agus cunntachalachd. 

Bidh na comataidhean comhairleachaidh ionadail a’ toirt cunntas do bhòrd rianachd na colaiste ùir. 

Tha co-chomhairleachadh a’ gabhail àite aig an àm  seo mu raon-dleastanais, bun-reachd, modhan-obrach agus ballrachd chomataidhean comhairleachaidh ionadail. 

Faodar na cumhaichean iomraidh fhaicinn an seo.

Thèid buill a thrusadh an dèidh do UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a bhith air a stèidheachadh air 1 Lùnastal.

Bu chòir do fhreagairtean mu na cumhaichean iomraidh a bhith air an cur a-steach mu 12m air Diciadain 19 Iuchair gu Fiona Sinclair, Proifeiseantach Riaghlaidh, Bòrd Eadar-ghluasad UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.