Co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu cho-aonadh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar air a chur air bhog
Tha Riaghaltas na h-Alba air a cho-chomhairleachadh mun cho-aonadh a tha air a mholadh airson UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a chur air bhog gu foirmeil.
Aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad, dh’aontaich na bùird rianachd aig UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar gu foirmeil ris a’ mholadh co-aonaidh agus a’ chùis gnothachais, a chì iad a’ tighinn ri chèile gus a bhith a’ stèidheachadh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall bho 1 Lùnastal 2023, ma gheibh iad cead bho Riaghaltas na h-Alba.
Feumar aonta bho Mhinistearan na h-Alba fo Achd Foghlaim Leantainnich agus Àrd-fhoghlaim (Alba) 1992. Is e an ceann-là dùnaidh airson freagairtean co-chomhairleachaidh an riaghaltais 5 Cèitean.
Tha taic aig a’ cho-aonta bho UHI, mar am buidheann ro-innleachdail roinneil, cho math ri prìomh bhuidhnean, eagrachasan agus riochdairean poilitigeach a’ gabhail a-steach BPAan airson roinn co-aonaichte na colaiste, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS).
Tha co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba a’ tachairt an dèidh do Bhòrd Eadar-amail UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall coinneachadh airson a’ chiad uair an dèidh dhan chùis ghnothachais a bhith air aontachadh.
Tha Am Bòrd Eadar-amail, a bhios a’ dol na Bhòrd Rianachd airson UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, a’ dol an àite a’ Bhùird Chom-pàirteachais, a chaidh a shuidheachadh gus a’ chùis airson co-aonadh a stiùireadh. Tha Am Bòrd Eadar-amail an urra ri bhith os cionn a’ phrògram-obrach co-aonaidh agus a’ lìbhrigeadh colaiste co-aonaichte làn ghnìomhach air a’ cheann-là stèidheachaidh.
Tha e a’ gabhail a-steach ballrachd bho riochdairean luchd-obrach agus oileanaich, buill bho na bùird rianachd a tha a-cheana aig gach colaiste, buill neo-ghnìomhach, agus coimheadaichean aonaidhean-ciùird, a bhios a’ tarraing ri chèile luach de dh’fhiosrachadh, eòlas agus sgilean. Bidh an Dr Mìcheal Foxley, a bha na chathraiche air a’ Bhòrd Chom-pàirteachais, a’ dol an sàs sa Bhòrd Eadar-amail mar aon de na buill neo-ghnìomhach.
Thuirt Derek Lewis, Cathraiche a’ Bhùird Eadar-amail: “Tha a bhith a’ cur air bhog co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba agus stèidheachadh a’ Bhùird Eadar-amail mar dà chlach-mhìle chudromach airson a’ cho-aonaidh seo, a tha a’ toirt trì shàr cholaistean agus na sgiobaidhean a tha nan cois ri chèile. Tha sinn airson ar luchd-ùidh a bhrosnachadh a bhith a’ toirt fios air ais a thaobh ar planaichean tro cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba, a tha a’ leantainn dà cho-chomhairleachadh farsaing a rinn ar sgioba phròiseict gus fiosrachadh a chur ris a’ mholadh againn a thaobh co-aonadh agus a thaobh ar cùis gnothachais. Fhad ’s a bhios an co-chomhairleachadh sin a’ gabhail àite, bidh mòran obair a’ dol air adhart sna trì colaistean gus a bhith ag ullachadh airson ar ceann-là stèidheachaidh air 1 Lùnastal, agus tha mi gu pearsanta airson taing a thoirt don luchd-obrach airson an dealas, an dìorras agus an oidhirp ann a bhith gar toirt chun t-suidheachaidh a tha againn an-diugh.”
“Bidh an sgèile agus an t-ealantas aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall airson coinneachadh ri feumalachdan nan earrannan traidiseanta agus an fheadhainn a tha a’ fàs, a’ tabhann nam feumalachdan ionnsachaidh agus trèanaidh airson an luchd-obrach, aig an àm a tha an làthair agus airson an ama ri teachd. Bidh e cuideachd a’ cluich prìomh dhreuchd ann a bhith a’ tàladh dhaoine gu bhith a’ fuireach, ag obair agus ag ionnsachadh nar coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.”
Bidh am Bòrd Eadar-amail a‘ coinneachadh gach mìos, le coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh air am planadh ann an UHI a Tuath sa Ghiblean, UHI Innse Gall sa Chèitean agus UHI a Tuath san Ògmhìos. Nì seo cinnteach gum bi cothrom aig buill a’ bhùird a bhith a’ tadhal air àrainnean ionadail agus a’ coinneachadh ri luchd-obrach agus oileanaich sna ceàrnaidhean sin.”
Le bhith tighinn còmhla, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar le chèile, buidheann nas seasmhaiche le comas agus goireas gus curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh fhàs; com-pàirteachasan a tha ann a-cheana agus feadhainn ùra a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh dèiligeadh ri gainnead sgilean san raon againn agus cumail, tàladh agus fàs tàlant; agus a bhith nas mothachail air na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach a tha sna roinnean againn.
Le 9000 oileanach, 600 neach-obrach agus 19 ionadan ionnsachaidh agus àrainnean a’ sìneadh bho Ghallaibh is Cataibh, Ros is Cromba gu Loch Abar, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, agus na h-Eileanan an Iar, tha a’ cholaiste aonaichte ann an suidheachadh air leth freagarrach airson solar Gàidhlig a leasachadh agus freagairt a thoirt do prìomh roinnean fàis, a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach timcheall air dì-charbonachadh lom neoni, lùth ath-nuadhachail, innleadaireachd, saothrachadh adhartach, agus tuathanachas-uisge.
Bidh Bùird Rianachd UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ leantainn orra ag obair taobh ri taobh ris a’ Bhòrd Eadar-amail gus an ceann-là a stèidheachaidh. Bidh comataidhean comhairleachaidh ionadail air an suidheachadh an dèidh an stèidheachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ leantainn air adhart a’ dèiligeadh ri feumalachdan ionadail.
+ Gus com-pàirteachadh ann an co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba, tadhail air: Rural and Islands College Merger proposal: consultation - gov.scot (www.gov.scot)