Gealltanas nach lean co-aontachadh ri call cosnaidhean

Chan adhbharaich an co-aontachadh eadar trì colaistean Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean call cosnadh am measg an luchd-obrach.

Tha pròiseact ro-innleachdail ag amas air Colaisde a’ Chaisteil UHI, Colaiste Ceann a Tuath na Gàidhealtachd UHI agus Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd UHI a tharraing ri chèile gus colaiste ùr a stèidheachadh mun Fhaoilleach 2023.  

Tha planaichean co-aontachaidh, a dh’fhaodadh bualadh air 9,000 oileanach agus mu 6,000 neach-obrach, a’ tighinn à measadh mionaideach a rinneadh na bu tràithe am bliadhna sa. 

A bharrachd air na gealltanasan nach caill luchd-obrach an cosnadh agus gun tèid obrachadh gu dlùth le Aonaidhean-ciùird tron phròiseas, chaidh dà phrìomh phuing eile aontachadh.  Is iad sin: 

  • Chan eil stèidheachadh colaiste ùr a’ ciallachadh gun tèid cùisean a tharraing don mheadhan 
  • Thèid sàbhalaidhean sam bith ath-thasgadh gus an curraicealam a neartachadh 

Ann an co-abairt, thuirt Lydia Rohmer, Debbie Mhoireach agus Sue NicPhàrlain – prionnsabalan nan trì colaistean: “Tha sinn air gealladh soilleir a thoirt seachad nach caill luchd-obrach an cosnadh.  Èistidh sinn agus obraichidh sinn còmhla riutha, leis na h-oileanaich againn agus leis a’ phoball tron phròiseas seo.” 

“Chan eilear ag amas air cùisean a tharraing chun mheadhain ann an dòigh sam bith, agus ’s e aon de na prìomh leasachaidhean gun tèid trì comataidhean-chomhairleachaidh a stèidheachadh gus beachdan na coimhearsnachdan ionadail againn a riochdachadh.” 

“Bidh cathraichean agus iar-chathraichean nan comataidhean ionadail seo nam buill de Bhòrd Stiùiridh na colaiste ùire.” 

“Bidh airgead sam bith a thèid a shàbhaladh tron cho-aontachadh air a chur air ais dhan cholaiste ùr.” 

Bidh a’ cholaiste ùr fhathast mar phàirt de lìonra an oilthighe, a tha a’ gabhail a-steach 13 ionadan foghlaim air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. 

Chaidh bòrd stiùiridh compàirteachais a stèidheachadh agus thathar a’ sireadh co-òrdanaiche gus na planaichean a thaobh co-aontachadh a thoirt air adhart. 

Tha prionnsabalan agus cathraichean bùird-stiùiridh nan trì colaistean, cho math ri riochdairean luchd-obrach agus oileanach, air a’ bhòrd-stiùiridh seo. 

’S e cathraiche a’ bhùird an t-Oll. Mìcheal Foxley, a bha roimhe os cionn bòrd sgìreil Foghlam Adhartach an oilthighe eadar 2014-2021. 

Tha am brath-naidheachd bho na prionnsabalan cuideachd ag ràdh: “Gus na coimhearsnachdan againn a neartachadh, gus taic a thoirt dhaibh, gus piseach agus leasachadh a thoirt orra, feumaidh sinne a bhith aig àrd ar comais.”  

“Tha an co-aontachadh a tha san amhairc a’ cruthachadh chothroman, chan ann a-mhàin seo a choileanadh ach cuideachd beachdachadh air dòighean-obrach nas èifeachdaich a chur an cèill. Ga chur gu sìmplidh, ’s e sàr-chothrom a tha seo an t-slighe air adhart a dhealbh dhuinn fhìn ann an dòigh cruthachail. Tha planaichean adhartach gan dealbh a dh’ionnsaigh nan amasan sin.” 

Tha taic ga chur ris na planaichean seo le luchd-stiùiridh an oilthighe, agus Comann nan Oileanach (HISA). 

Thuirt Ceannard HISA, Florence Jansen, “Tha HISA air a bhith a’ moladh airson grunn bhliadhnaichean gun tigeadh feadhainn de na colaistean còmhla gu foirmeil airson cùisean a leasachadh do dh’oileanaich, agus tha sinn toilichte gu bheil am pròiseact seo a-nis air tòiseachadh.  

“Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris na leasachaidhean seo agus ri curraicealam nas seasmhaiche agus iomadh-fhillte ri linn an co-aontachaidh. Bhithear an dùil gun cruthaich e cuideachd suidheachadh far am faod co-obraichean taic a thabhann do chàch a chèile, agus gum bi seilbheachd an lùib a’ bhun-structair ùr’. 

“Tha sinn ro-thoilichte a bhith ag obair gu dlùth ri compàirtichean eile sa phròiseas seo tro ar riochdairean air a’ bhuidheann co-aontachaidh agus nam fo-chomataidhean obrach”. 

ENDS 

Media enquiries 

Please e-mail - rural-islands-merger@uhi.ac.uk 

Websites: 

Lews Castle College UHI 
North Highland College UHI 
West Highland College UHI 

Notes to editors 

Lews Castle is one of the smallest colleges in Scotland, serving students in Lewis, North Uist, Benbecula and Barra. 

North Highland College has campuses in Thurso, Halkirk, Alness and Dornoch. 

West Highland College has no single, central campus but has learning centres from Ullapool to Kinlochleven.