Prionnsabal ainmichte suidhichte airson na colaiste cho-aonaichte

Tha PRIONNSABAL ainmichte air a bhith air a suidheachadh gus stiùireadh agus cur an sàs a’ cho-aonaidh de UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar.

Bidh Lydia Rohmer, a tha an-dràsta na prionnsabal air UHI Gàidhealtachd an Iar, a’ tòiseachadh san dreuchd ùr aice a dh’aithghearr, le uallach a bhith a’ stiùireadh gu co-obrachail na h-àrd-sgiobaidhean aig UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar gu ceann-latha co-aonaidh san Lùnastal 2023, agus a bhith a’ stèidheachadh na colaiste ùir.   

Is e àrd-stiùiriche tàlantach a tha ann an Lydia le còrr air 25 bliadhna de dh’eòlas ann a bhith ag obair san earrann foghlam Albannach agus na tagraiche dìoghrasach às leth nan coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach ann an ceann a Tuath agus Iar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar.  

Thuirt Mìcheal Foxley, Cathraiche Bòrd a’ Chom-pàirteachais a tha a’ stiùireadh a’ cho-aonaidh: “Tha fèin-fhiosrachadh mòr aig Lydia ann a bhith a’ cruthachadh colaistean soirbheachail tro cho-aonadh an dèidh dhi a bhith a’ stiùireadh a’ cho-aonaidh de UHI Gàidhealtachd an Iar, an dèidh a’ cho-aonaidh eadar Colaiste Loch Abair agus Colaiste an Eilean Sgitheanaich agus Taobh Siar Rois.  Ron sin, bha i ann an dreuchd Stiùiriche Curraicealaim aig Colaiste Cathair-bhaile Ghlaschu, a ghabh i an dèidh dhi a bhith an sàs ann an co-aonadh nan colaistean a bha ann am meadhan cathair-bhaile Ghlaschu. Tha dreuchdan àrda air a bhith aice aig UHI agus tha i a’ frithealadh air grunnan bhuidhnean tar-roinne foghlam treas ìre ann an Alba. Tha mi air leth toilichte Lydia a shuidheachadh san dreuchd seo agus tha fhios ’am gun obraich i gu dìcheallach còmhla ris na prionnsabalan eile gus colaiste shoirbheachail de sgèile agus buaidh a thogail, a  bhios a’ toirt a’ bhuannachd as motha do ar n-oileanaich, luchd-obrach agus coimhearsnachdan, agus a’ freagairt ris na cothroman eaconamach san roinn againn.”   

Thuirt Lydia Rohmer, Prionnsabal Ainmichte den cholaiste cho-aonaichte: “Tha an co-aonadh a’ toirt dhuinn cothrom aon uair ann an linn gus colaiste de sgèile agus buaidh a stèidheachadh, a tha a’ cluich dreuchd chruth-atharrachail ann a bhith a’ fuasgladh nan cothroman eaconamach airson na roinne againn.  A’ togail air soirbheachasan agus spèisealachdan UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar, agus ann an com-pàirteachas le UHI, is urrainn dhuinn colaiste a stèidheachadh a bhios na slighe a-steach gu foghlam aig ìre an t-saoghail mhòir, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas, le modail de chothrom ruigsinneachd air leth, freumhaichte sna coimhearsnachdan dùthchail is eileanach aca.  Tha e na urram mhòr dhomh agus na adhbhar ùmhlachd air leth a bhith a’ stiùireadh an sgioba mhìorbhaileach a tha seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh ris nas urrainn dhomh de luchd-obrach, oileanaich agus luchd-ùidh thar taobh Tuath agus Siar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar sna mìosan a tha romhainn.”   

Leanaidh Debbie Mhoireach, Prionnsabal UHI Gàidhealtachd a Tuath, agus Hannah Ritchie-Muir, Prionnsabal Eadar-amail UHI Innse Gall, anns na dreuchdan aca chun Lùnastal, agus aig an àm sin, bidh iad air an suidheachadh ann am prìomh dhreuchdan sa cholaiste cho-aonaichte. 

Na bu tràithe air a’ mhìos seo dh’aontaich bùird-stiùiridh nan trì colaistean gu foirmeil ris a’ mholadh airson co-aonadh agus ris a’ chùis gnothachais, a tha a-nis air a dhol gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta.  

Le bhith a’ tighinn ri chèile, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar buidheann nas seasmhaich le comas agus stòras co-aonaichte gus an curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas fhàs; ar com-pàirteachasan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh a bhith a’ dèiligeadh ris a’ ghainnead sgilean san sgìre againn; agus a bhith a’ fàs nas so-fhreagrach ris na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach sna roinnean againn. 

Le 9000 oileanach, 600 luchd-obrach agus 19 ionadan-ionnsachaidh bho Gallaibh agus Cataibh, Ros is Crombaidh gu Loch Abar, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar, tha a’ cholaiste cho-aonaichte ann an deagh àite gus solair Gàidhlig a leasachadh agus freagairt air prìomh earrannan fàis na roinne a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach a tha an cois neoni-dì-charbonachadh, lùth ath-nuadhachail, einnseanaireachd, sàr shaorachadh agus tuathanachas uisge.  

Tha an co-dhùnadh le na bùird a’ leantainn air 10 seachdainean de cho-chomhairleachadh poblach agus cuairt shoirbheachail le Comhairle-maoineachaidh na h-Alba gu campasan anns a’ Gearasdan, Steòrnabhagh agus Inbhir Theòrsa. 

Bidh am Bòrd Com-pàirteachais, a chaidh a chuir air chois gus stiùireadh agus leasachadh na cùise airson co-aonadh, a-nis ag atharrachadh gu bhith na Bhòrd Eadar-ghluasad.  

Thathar a’ sireadh thagraidhean a-nis airson dreuchd Cathraiche a’ Bhùird Eadar-amail, a leanas air adhart gu bhith na Bhòrd Stiùiridh airson na colaiste ùir an dèidh dhi a bhith air a suidheachadh.  Airson barrachd fiosrachaidh, agus airson paca-iarrtais fhaighinn, thèid gu www.rural-islands-merger.uhi.ac.uk/transition-board