Tachartasan Co-chomhairleachaidh mu Cho-aonadh Cholaistean Deimhinnte
Tha dùil gun tòisich sreath de choinneamhan co-chomhairleachaidh poblach mu phlanaichean adhartach airson co-aonadh a dhèanamh air trì colaistean air taobh a-staigh lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean an ath sheachdain (Dimàirt, 18mh latha den Fhaoilleach).
Bidh an sgioba a th’ air cùl nam molaidhean a’ sireadh bheachdan mun phròiseact bho luchd-obrach, oileanaich agus luchd-ùidhe. ‘S e rùn a’ phròiseact a bhith a’ toirt Colaisde a’ Chaisteil OGE, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath OGE agus Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE còmhla gus ionad-foghlaim ùr a chruthachadh ron Fhaoilleach 2023.
Bidh na coinneamhan co-chomhairleachaidh poblach air an stiùireadh le ceannardan agus àrd-riochdairean bho gach colaiste agus thèid an cumail thairis air trì oidhcheannan, Dimàirt 18mh latha den Fhaoilleach, Diciadain 26mh latha den Fhaoilleach agus Diluain 7mh latha den Ghearran.
Gheibhear fiosrachadh mu ciamar as urrainn àite a ghleidheadh an seo: Rural and Islands Merger Project Events | Eventbrite
Air a’ mhìos mu dheireadh, chaidh sgrìobhainn co-chomhairleachaidh leis an ainm Building a Better Future Together a shealltainn don luchd-ùidhe. Tha na tha san amharc airson a’ cho-aonaidh ri fhaicinn anns an sgrìobhainn seo agus thèid a chleachdadh mar bhun-stèidh airson deasbaid agus beachdan aig gach coinneamh.
Chaidh làrach-lìn shònraichte a chur air bhog anns an Dùbhlachd: https://www.rural-islands-merger.uhi.ac.uk
Thuirt na trì ceannardan, Lydia Rohmer, Debbie Mhoireach agus Sue NicPhàrlain ann an co-aithris: “Tha sinn an-dràsta aig ìre air leth cudromach. Tha sinn uile air a bhith soilleir gu bheil beachdan ar luchd-obrach agus ar n-oileanach, cho math ri beachdan a’ phobaill agus ar luchd-ùidhe riatanach airson ar cuideachadh le bhith a’ cur ar planaichean adhartach an gnìomh.
Tha sinn den bheachd gun toir an co-aonadh ar trì buidhnean còmhla gus colaiste ùr a chruthachadh a bhios stèidhte air com-pàirteachas eadar buidhnean co-ionann.
A bharrachd air coinneamhan poblach, bidh sinn cuideachd a’ cumail sheiseanan comhairleachaidh le ar luchd-obrach agus ar n-oileanaich gus am beachdan fhaighinn.
Tha sinn misneachail gur e am moladh seo an dòigh as fheàrr airson a dhol air adhart a chùm buannachd ar n-oileanach, ar luchd-obrach, ar com-pàirteachasan agus ar coimhearsnachdan; agus le bhith ag obair còmhla gus leasachadh a dhèanamh san àm ri teachd, ‘s urrainn dhuinn ar n-amas a lìbhrigidh gus taic a thoirt do chothroman ionadail, roinneil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”
Chaidh planaichean a’ cho-aonaidh a tha a’ gabhail a-steach 9,000 oileanach agus timcheall air 600 neach-obrach tro mheasadh roghainnean mionaidean nas tràithe air a’ bhliadhna.
Tha an sgrìobhainn co-chomhairleachaidh a’ foillseachadh àrd amas agus prionnsabail stiùiridh a’ cho-aonaidh agus a’ mìneachadh:
- Carson is e co-aonadh an dòigh air adhart do na trì colaistean, na coimhearsnachdan agus na roinnean a tha iad a’ frithealadh
- A’ bhuaidh a bhios aige air luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach gnìomhachasan agus luchd-fastaidh ionadail
- Ciamar as urrainn fios air ais a thoirt air a’ mholadh
Bidh a’ cholaiste ùr a’ fuireach air taobh a-staigh lìonra an oilthighe, far a bheil 12 ionad-foghlaim air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Thuirt an Dtr Mìcheal Foxley, Cathraiche Bòrd Com-pàirteachas a’ Cho-aonaidh:
“Is e co-aonachadh adhartach agus brosnachail de Cholaistean a tha seo, a’ frithealadh sgìre mhòr de choimhearsnachdan iomallach dùthchail agus eileanach. Neartaichidh e fulangas luchd-obrach na Colaiste, agus aig an aon àm bheir e curraicealam nas fheàrr do dh'oileanaich”.
Tha sinn a’ toirt gealltanas gun dèan sinn na co-dùnaidhean ceart airson math na trì colaistean anns an àm ri teachd. Bidh am pròiseas seo air a neartachadh ma bhios cothrom aig oileanaich, luchd-obrach agus luchd-ùidh a bhith an sàs ann agus am beachdan a thoirt seachad.”
Tha Bòrd Com-pàirteachas a’ Cho-aonaidh air dearbhadh nach caill duine obair ri linn nam molaidhean agus gun cum gach colaiste an dearbh-aithne fhèin. Thèid sàbhalaidhean sam bith a chur air ais dhan chompanaidh gus na sgiobaidhean a neartachadh aig gach ìre agus ùr-ghnàthachadh is ceannas a dhèanamh comasach.
Cinn-latha sònraichte:
Coinneamhan comhairleachaidh do luchd-obrach: Dimàirt 11mh latha den Fhaoilleach; Diciadain 12mh latha den Fhaoilleach agus Dimàirt an 18mh latha den Fhaoilleach.
Coinneamhan comhairleachadh don phoball: Dimàirt an 18mh latha den Fhaoilleach; Diciadain an 26mh latha den Fhaoilleach agus Diluain an 7mh latha den Ghearran.
Coinneamhan comhairleachaidh do dh’oileanaich: Dihaoine 4mh latha den Ghearran agus Diciadain an 9mh latha den Ghearran.
****
Ceistean tro na meadhanan:
Cuiribh post-dealain gu - rural-islands-merger@uhi.ac.uk
Làraich-lìn:
Lews Castle College UHI
North Highland College UHI
West Highland College UHI
Fiosrachadh don luchd-deasachaidh
Gheibhear làrach-lìn sònraichte mun cho-chomhairleachadh aig at https://www.rural-islands-merger.uhi.ac.uk
‘S e Colaisde a’ Chaisteil OGE aon de na colaistean as lugha ann an Alba, a’ frithealadh oileanaich à Leòdhas, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla is Barraigh.
Tha làrach oilthighean aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath OGE ann an Inbhir Theòrsa, Hàcraig, Alanais agus Dòrnach.
Chan eil aon làrach oilthigh sònraichte aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE ach tha ionadan foghlaim ann eadar Ullapul agus Cille Chomhain.