Thagraidhean a-nis airson dreuchd Cathraiche a’ Bhùird Eadar-amail airson UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar
Thathar a’ sireadh thagraidhean a-nis airson dreuchd Cathraiche a’ Bhùird Eadar-amail, am buidheann riaghlaidh a bhios an urra ris a’ cho-aonadh de UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar.
Tha na colaistean a’ coimhead airson stiùiriche a bhios ùr-ghnàthasach agus èifeachdach, a bhios a’ co-roinn an lèirsinn airson colaiste ùr cho-aonaichte de sgèile agus buaidh ann an Ceann a Tuath agus Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, aig am bi buaidh chruth-atharrachail air soirbheachas a coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.
Nas tràithe air a’ mhìos seo dh’aontaich bùird riaghlaidh nan trì colaistean ris a’ mholadh airson co-aonadh agus a’ chùis gnothachais, a tha a-nis air a dhol gu Riaghaltas na h-Alba airson aonta.
Bidh am Bòrd Com-pàirteachais a chaidh a stèidheachadh gus a bhith a’ stiùireadh na cùise airson co-aonadh, a’ dol à bith agus na àite thèid Bòrd Eadar-amail a stèidheachadh, a bhios aig a’ cheann thall a’ dol na Bhòrd Stiùiridh dhan cholaiste cho-aonaichte. An dèidh dhan Chathraiche a bhith suidhichte, bidh buill neo-eisimeileach, luchd-obrach agus oileanaich air an cur air a’ Bhòrd Eadar-amail.
Bidh bùird riaghlaidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ leantainn orra a’ co-obrachadh ri taobh a’ Bhùird Eadar-amail chun a’ cheann-là stèidheachaidh san Lùnastal 2023.
Is e an ceann-là dùnaidh thagraidhean airson Cathraiche a’ Bhùird Eadar-amail, 12m Diciadain 30 Samhain. Airson paca-iarrtais a luchdachadh a-nuas, thèid gu www.rural-islands-merger.uhi.ac.uk/transition-board
Le bhith a’ tighinn ri chèile, cruthaichidh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar colaiste ùr de sgèile agus buaidh airson Ceann a Tuath agus Siar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar. Bidh a‘ cholaiste ùr na buidheann nas seasmhaich le comas agus stòras co-aonaichte gus an curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas fhàs; ar com-pàirteachasan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-fastaidh agus gus dèiligeadh ris a‘ ghannead sgilean san sgìre againn; agus a bhith a‘ fàs nas so-fhreagrach ris na cothroman sòisealta, cultarail agus eaconamach sna roinnean againn.
Le 9000 oileanach, 600 luchd-obrach agus 19 ionadan-ionnsachaidh bho Gallaibh agus Cataibh, Ros is Crombaidh gu Loch Abar, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar, tha a’ cholaiste cho-aonaichte ann an deagh àite gus solair Gàidhlig a leasachadh agus freagairt air prìomh earrannan fàis na roinne a’ gabhail a-steach nan cothroman eaconamach a tha an cois neoni-dì-charbonachadh, lùth ath-nuadhachail, einnseanaireachd, sàr shaorachadh agus tuathanachas uisge.
Tha an co-dhùnadh le na bùird aontachadh ris a’ mholadh airson co-aonadh agus ris a’ chùis gnothachais a’ leantainn air 10 seachdainean de cho-chomhairleachadh poblach.