Tùs cho-chomhairleachadh a’ faighinn taic airson a’ phròiseict co-aonaidh colaiste a tha air a mholadh

Tha a’ chiad ìre de cho-chomhairleachadh mun cho-aonadh a tha air a mholadh airson UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar air a thighinn gu ceann.

Bha a’ mhòr chuid de na fhreagair a’ toirt taic don fheallsanachd a bha air cùl a’ cho-aonaidh agus an stiùir agus an lèirsinn san fharsaingeachd a bha air cùl na colaiste ùir a bha air a moladh.

Tha bùird-stiùiridh UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Colaiste Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ sgrùdadh leasachadh ùr ro-innleachdail agus inntinneach, a chitheadh iad a’ tighinn còmhla gu bhith mar aon bhuidheann. 

Bha cuspairean co-sheasmhach mu bhith a’ dìon obraichean, a’ seachnadh meadhanachadh, ag àrdachadh fèin-fhiosrachadh oileanach, agus a’ dìon agus ag àrdachadh na Gàidhlig a’ tighinn am bàrr tron chiad àm co-chomhairleachaidh, a ghabh a-steach sreath de thachartasan luchd-ùidh agus suirbhidhean air-loidhne. 

Bidh am fios air ais a’ fiosrachadh leasachadh an làn chùis gnothachais airson an aontaidh, mun tèid beachdachadh aig bùird rianachd gach colaiste an ath mhìos. Às dèidh sin thèid greis de cho-chomhairleachadh poblach a chumail airson 10 seachdainean, a thòisicheas a-nis san Lùnastal.

Tha an loidhne-tìde air a bhith air a ghluasad gus leigeil le sgrùdadh nas làidir a bhith air a dhèanamh air a’ chùis gnothachais agus a’ leigeil le co-chomhairleachadh nas brìghmhor gabhail àite le luchd-obrach agus oileanaich an uair a thilleas iad às dèidh saor-làithean an t-samhraidh. 

Ann an co-chunntas, thuirt na trì prionnsabalan, Debbie Mhoireach, Sue NicPhàrlain agus Lydia Rohmer: “Chuir sinn romhainn fhèin clàr-ama àrd-amasach airson a’ phròiseict seo, ach tha e cudromach gun gabh sinn tìde dhuinn fhèin gus dèanamh cinnteach gu bheil am moladh co-aonaidh agus an cùis gnothachais làidir agus gu bheil an ro-innleachd agus an lèirsinn airson na colaiste ùir mar sgàthan air amasan ar coimhearsnachdan.  Le bhith a’ gluasad an ath ìre de cho-chomhairleachadh gu an dèidh an t-samhraidh, nì sinn cinnteach gun cluinnear beachdan gach neach, agus gun tèid beachdachadh gu mionaideach air an fhios air ais mar phàirt den chùis gnothachais dheireannach, a tha air taic fhaighinn bho ar bùird rianachd agus bho na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.

Lean iad orra: “Ann a bhith a’ tighinn ri chèile mar aon bhuidheann, nì sinn cinnteach à àm ri teachd nas deimhinnich agus nas seasmhaich airson ar colaistean, agus bidh am fulangas, na stòrasan, na tàlantan agus an ealantas againn gus cuideachadh ann a bhith a’ stiùireadh an ath-nuadhachadh eaconamach agus sòisealta den roinn againn.  San dòigh seo, bidh e comasach dhuinn a bhith a’ làn choileanadh amasan ar coimhearsnachdan, agus na cothroman a tha againn nar roinnean, gu h-àraidh a thaobh nan eaconamaidhean gorma agus uaine agus seasmhachd ar coimhearsnachdan

Tha na h-aon seòrsa dùbhlain fa comhair nan trì colaistean sna co-theacsan iomallach, oirthir agus eileanach sa bheil iad stèidhichte, a’ gabhail a-steach gearraidhean ionmhais fìor-ama agus deamografaidh a tha a’ crìonadh.

Chruthaicheadh an com-pàirteachas ùr ro-innleachdail buidheann stèidhichte a bhiodh mar acair a thaobh sgèile agus buaidh taobh a-staigh UHI, a’ toirt taic do 9000 oileanach agus 600 neach-obrach ann an 20 làrach-campais iomallach,  dùthchail agus eileanach.

Bhiodh a’ cholaiste ùr ann an suidheachadh nas fheàrr gus freagairt a thoirt do na dùbhlain agus na cothroman a tha air an tabhann ann an àrainn an dèidh Brexit agus an dèidh Covid agus bidh e comasach amasan agus a dhleastanasan Net Zero a thoirt gu buil airson nan coimhearsnachdan a tha i a’ frithealadh. 

Le bhith a’ togail air sàr-mhathas, ealantas agus com-pàirteachasan a tha ann a-cheana,  bhiodh a’ cholaiste ùr a’ dìon, a’ leasachadh agus a’ fàs foghlam aig an treas ìre, sgilean, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas gus cothroman fàis a bhrosnachadh, nach eil comasach do na colaistean fa leth a dhèanamh leotha fhèin.  

Tha na trì colaistean air daingneachadh a-cheana nach bi daoine air am pàigheadh dheth gu h-èigneachail mar thoradh air a’ cho-aonta, gum bi sàbhalaidhean a bha aca mar thoradh air a’ cho-aonta air an cur air ais gus na sgiobaidhean a neartachadh, agus gun tèid meadhanachadh a sheachnadh tro bhith a’ stèidheachadh comataidhean comhairleachaidh ionadail. 

An dèidh a’ cho-chomhairleachaidh a mhaireas 10 seachdainean, bidh am moladh airson làn cho-aonaidh agus an cùis gnothachais air a chur gu bùird nan trì colaistean airson aonta.  An dèidh sin, dh’fheumadh a’ chùis gnothachais aonta Riaghaltas na h-Alba.  Tha am pròiseact ag obair a dh’ionnsaidh moladh de cheann-là tòiseachaidh san Lùnastal 2023 airson na colaiste ùir.

Gheibhear ceangal chun chiad aithisg co-chomhairleachaidh here. (an seo)

CRÌOCH

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Helen Aird, Oifigear Conaltraidh a’ Cho-aonta, aig merger.sco@uhi.ac.uk  no cuir fòn gu 07584 616 252.

Notaichean do luchd-deasachaidh

  1. Is e UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar ainmean malairt Colaiste Gàidhealtachd a Tuath UHI, Colaisde Caisteal Leòdhais UHI, agus Colaiste Gàidhealtachd an Iar UHI.
  2. Tha UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar nan com-pàirtichean de UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean com-pàirteachas treas ìre eadar-mheasgte a tha a’ frithealadh ar coimhearsnachdan agus co-cheangailte ris na feuman aca.  Tha sinn a’ tabhann ionnsachadh sùbailte agus le taic bho ìre inntrigidh gu Phd, cho math ri cothroman rannsachaidh freumaichte ann an àite agus adhbhar.  Is e ar prìomh neart an t-iomadachd agus an sùbailteachd a tha nar com-pàirteachas, a tha a’ leigeil leinn a bhith a’ lìbhrigeadh barrachd.
  3. Tha UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar a’ toirt taic do 9000 oileanach agus 600 neach-obrach ann am 20 làrach campais iomallach, dùthchail agus eileanach air feadh na Gàidhealtachd, An t-Eilean Sgitheanach agus Nan Eilean an Iar.