Luchd-obrach
Luchd-obrach
C: Carson a thathar a’ beachdachadh air co-aonachadh?
F: Is e cothrom nach fhaighear tric a tha seo airson colaiste ùr a thogail de sgèile agus de chudromachd a bhios a’ frithealadh agus a’ cur taic ri mu 9,000 oileanach ann am 20 àrainn dùthchail is eileanach air feadh na Gàidhealtachd, san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar. Tha e a’ tarraing còmhla agus a’ togail air sàr-mhathas agus ealantas a th’ ann mar-thà, gus ceum-atharrachaidh a chruthachadh do ionnsachadh treas-ìreach is sgilean, rannsachadh, iomairt agus ùr-ghnàthachadh nar roinn.
Bheir e seirbheis nas fheàrr do ar n-oileanaich agus ar coimhearsnachdan le bhith a’ solarachadh shlighean dreuchdail a tha neartaichte agus toileachas obrach nas fheàrr do ar luchd-obrach. Tha e cuideachd a’ fuasgladh chothroman ùra airson leasachadh ro-innleachdail agus inbheisteadh san àm ri teachd tro cho-obrachaidhean agus pròiseactan àrd-amasail, a tha sinn a’ faighinn doirbh a choileanadh gu làithreach mar cholaistean beaga singilte.
C: A bheil an co-aonachadh dèante mar-thà?
F: Chan eil. Chomharraich am measadh roghainnean co-aonachaidh mar fhuasgladh a tha glè dheimhinneach agus comasach airson dèanamh cinnteach à seasmhachd fad-amail nan colaistean. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e a’ tabhann mòran bhuannachdan do luchd-obrach, oileanaich agus na coimhearsnachdan ionadail, mar sin tha sinn a-nis a’ tòiseachadh air a’ phròiseas fhoirmeil a thaobh faighinn a-mach mar a dh’fhaodadh e obrachadh. Chan eil co-dhùnaidhean sam bith dèante aig an ìre seo.
C: Ciamar as urrainn dhomh mo bheachd a thoirt agus a bhith an sàs sa phròiseact?
F: Bidh grunn chothroman ann air do bheachd a thoirt seachad agus pàirt a ghabhail ann an leasachadh an t-seòrsa cumaidh a dh’fhaodadh a bhith air a’ cho-aonachadh. Bidh a’ chiad chothrom foirmeil mar phàirt den cho-chomhairleachadh phoblach leantainneach. Bidh conaltradh ri ar sgiobaidhean na phrìomh phàirt den phròiseas seo a bhios a’ sgrùdadh na feallsanachd agus na lèirsinn don cho-aonachachadh. Bidh co-chomhairleachadh eile a’ gabhail àite ann an 2022 gus a’ chùis gnothachais a leasachadh. Roinnidh sinn làn fhiosrachadh mu dhiofar chothroman conaltraidh luchd-obrach a thèid a lìbhrigeadh mar phàirt den chiad cho-chomhairleachadh sna seachdainean ri teachd.
C: Dè an co-chomhairleachadh a tha air tachairt gu ruige seo?
F: San t-Sultain, choinnich 50 riochdaire bho na Bùird, luchd-obrach is buidhnean oileanaich nan colaistean gus deasbad air ar lèirsinn cho-roinnte a thaobh na dh’fhaodadh buidheann ùr a choileanadh, agus na buannachdan is cothroman a dh’fhaodadh seo a tharraing gu ar n-oileanaich, ar luchd-obrach agus ar coimhearsnachdan. Nochd mòran an dìoghras, an ùidh agus an taic do thuilleadh sgrùdaidh air na dh’fhaodte a choileanadh a’ dol air adhart.
Tha riochdachadh bhon dà chuid buill luchd-obrach agus HISA air na Bùird againn, agus thathar air làn co-chomhairleachaidh a dhèanamh leothasan aig gach ìre. A thuilleadh air an sin, tha ar trì Prionnsapalan air a bhith a’ freagairt cheistean fa leth san dà chuid coinneamhan luchd-obrach agus gu prìobhaideach. Thèid na beachdan uile a chuirear an cèill agus na ceistean a thèid a thogail, a bhiadhadh a-steach do na sruthan-obrach buntainneach airson beachdachadh.
C: Cia mheud obair a thèid a chall?
F: Faodaidh luchd-obrach a bhith riaraichte nach bi call-obrach riatanach sam bith a’ gabhail àite mar thoradh dìreach air a’ cho-aonachadh.
C: Am bi meadhanachadh air goireasan?
F: Tha am bòrd air a dhèanamh soilleir gun cùm na colaistean an dearbh-aithne ionadail agus an stiùireadh.
C: An tèid pàirt sam bith de oighreachd na colaiste a dhùnadh sìos?
F: Bheir an co-aonachadh seachad cothroman air ath-bheachdachadh air ar n-oighreachd – inbheisteadh far am feum sinn agus far a bheil buannachd – agus ar cuideachadh ag ath-chonaltradh le ar coimhearsnachdan. Ceadaichidh e dhuinn cuideachd bun-structar ceart a chur air cùlaibh ar toradh rannsachaidh, gus a chuideachadh gu fàs, maoineachadh a tharraing, co-cheangailte ri ar calpachas nàdarra agus sgilean agus ri speisealachdan a th’ ann taobh a-staigh ar buidheann luchd-obrach.
Tha solarachadh barrachd co-ionannachd chothroman dhaibhsan a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan iomallach dùthchail is eileanan sa bheil iad freumhaichte, na amas bunaiteach den phròiseact agus nì sinn cinnteach gum bi na beachdachaidhean sin aig teis-meadhan ar co-dhùnaidhean.
C: Ciamar a leanas sibh air adhart a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curraicealam a tha sibh a’ tabhann freagarrach is feumail do na gnothachasan agus na coimhearsnachdan ionadail?
F: Tha cothrom againn a-nis coimhead gu dlùth ris a’ churraicealam gus cothroman a chomharrachadh tarsainn conaltradh treas-ìreach, coimhearsnachd agus coimearsalta. Faodaidh sinn cuideachd dòighean ùra a rannsachadh air conaltradh ri eòlaichean ionadail a tha a’ fosgladh chothroman tarsainn a’ chruinn-eòlais, mar thoradh air co-fhiosrachadh is eòlas ar luchd-obrach a chur còmhla.
C: Ciamar a bheir seo buaidh air Ath-sgrùdadh Curraicealaim UHI?
F: Bheir na molaidhean cothrom dhuinn curraicealam gu tur treas-ìreach a lìbhrigeadh, bho ìre sgoile troimhe gu PhD, tarsainn ar Colaistean co-aonaichte uile.
C: A bheilear a’ co-chomhairleachadh/a’ fiosrachadh Aonaidhean Ciùird?
F: Tha sinn air fòram conaltraidh aonaidhean ciùird a chruthachadh, a bhios a’ coinneachadh gu cunbhalach tron phròiseact co-aonachaidh. Chaidh a’ chiad tè de na coinneamhan sin a chumail air 1 Dùbhlachd 2021.
C: Dè mu dheidhinn mura h-eil mi ann an Aonadh Ciùird?
F: Tha riochdachadh bho gach aon de na trì colaistean air Bòrd a’ chom-pàirteachais.
Oileanaich
Oileanaich
C: Carson a thathar a’ beachdachadh air co-aonachadh?
F: Is e cothrom nach fhaighear tric a tha seo airson colaiste ùr a thogail de sgèile agus de chudromachd a bhios a’ frithealadh agus a’ cur taic ri mu 9,000 oileanach ann am 20 àrainn dùthchail is eileanach air feadh na Gàidhealtachd, san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar. Tha e a’ tarraing còmhla agus a’ togail air sàr-mhathas agus ealantas a th’ ann mar-thà, gus ceum-atharrachaidh a chruthachadh do ionnsachadh treas-ìreach is sgilean, rannsachadh, iomairt agus ùr-ghnàthachadh nar roinn.
Bheir e seirbheis nas fheàrr do ar n-oileanaich agus ar coimhearsnachdan le bhith a’ solarachadh shlighean dreuchdail a tha neartaichte agus toileachas obrach nas fheàrr do ar luchd-obrach. Tha e cuideachd a’ fuasgladh chothroman ùra airson leasachadh ro-innleachdail agus inbheisteadh san àm ri teachd tro cho-obrachaidhean agus pròiseactan àrd-amasail, a tha sinn a’ faighinn doirbh a choileanadh gu làithreach mar cholaistean beaga singilte.
C: A bheil an co-aonachadh dèante mar-thà?
F: Chan eil. Chomharraich am measadh roghainnean co-aonachadh mar fhuasgladh a tha glè dheimhinneach agus comasach airson dèanamh cinnteach à seasmhachd fad-amail nan colaistean. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e a’ tabhann mòran bhuannachdan do luchd-obrach, oileanaich agus na coimhearsnachdan ionadail, mar sin tha sinn a-nis a’ tòiseachadh air a’ phròiseas fhoirmeil a thaobh faighinn a-mach mar a dh’fhaodadh e obrachadh. Chan eil co-dhùnaidhean sam bith dèante aig an ìre seo.
C: Ciamar as urrainn dhomh mo bheachd a thoirt agus a bhith an sàs sa phròiseact?
F: Bidh grunn chothroman ann air do bheachd a thoirt seachad agus pàirt a ghabhail ann an leasachadh an t-seòrsa cumaidh a dh’fhaodadh a bhith air a’ cho-aonachadh. Bidh a’ chiad chothrom foirmeil mar phàirt den cho-chomhairleachadh phoblach leantainneach. Bidh conaltradh ri ar sgiobaidhean na phrìomh phàirt den phròiseas seo a bhios a’ sgrùdadh na feallsanachd agus na lèirsinn don cho-aonachachadh. Bidh co-chomhairleachadh eile a’ gabhail àite ann an 2022 gus a’ chùis gnothachais a leasachadh. Roinnidh sinn làn fhiosrachadh mu dhiofar chothroman conaltraidh luchd-obrach a thèid a lìbhrigeadh mar phàirt den chiad cho-chomhairleachadh sna seachdainean ri teachd. Tha riochdachadh bho na h-oileanaich air bòrd com-pàirteachas a’ cho-aonachaidh, air a chruthachadh gus na planaichean a thoirt air adhart.
C: Dè an co-chomhairleachadh a tha air tachairt gu ruige seo?
F: San t-Sultain, choinnich 50 riochdaire bho na Bùird, luchd-obrach is buidhnean oileanaich nan colaistean gus deasbad air ar lèirsinn cho-roinnte a thaobh na dh’fhaodadh buidheann ùr a choileanadh, agus na buannachdan is cothroman a dh’fhaodadh seo a tharraing gu ar n-oileanaich, ar luchd-obrach agus ar coimhearsnachdan. Nochd mòran an dìoghras, an ùidh agus an taic do thuilleadh sgrùdaidh air na dh’fhaodte a choileanadh a’ dol air adhart.
Tha riochdachadh bhon dà chuid buill luchd-obrach agus HISA air na Bùird againn, agus thathar air làn co-chomhairleachaidh a dhèanamh leothasan aig gach ìre. A thuilleadh air an sin, tha ar trì Prionnsapalan air a bhith a’ freagairt cheistean fa leth san dà chuid coinneamhan luchd-obrach agus gu prìobhaideach. Thèid na beachdan uile a chuirear an cèill agus na ceistean a thèid a thogail, a bhiadhadh a-steach do na sruthan-obrach buntainneach airson beachdachadh.
C: An tèid pàirt sam bith de oighreachd na colaiste a dhùnadh sìos?
F: Bheir an co-aonachadh seachad cothroman air ath-bheachdachadh air ar n-oighreachd – inbheisteadh far am feum sinn agus far a bheil buannachd – agus ar cuideachadh ag ath-chonaltradh le ar coimhearsnachdan. Ceadaichidh e dhuinn cuideachd bun-structar ceart a chur air cùlaibh ar toradh rannsachaidh, gus a chuideachadh gu fàs, maoineachadh a tharraing, co-cheangailte ri ar calpachas nàdarra agus sgilean agus ri speisealachdan a th’ ann taobh a-staigh ar buidheann luchd-obrach.
Tha solarachadh air barrachd co-ionannachd chothroman dhaibhsan a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan iomallach dùthchail is eileanan sa bheil iad freumhaichte, na amas bunaiteach den phròiseact agus nì sinn cinnteach gum bi na beachdachaidhean sin aig teis-meadhan ar co-dhùnaidhean.
C: Ciamar a leanas sibh a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curraicealam a tha sibh a’ tabhann freagarrach is feumail do na gnothachasan agus na coimhearsnachdan ionadail?
F: Tha cothrom againn a-nis coimhead gu dlùth ris a’ churraicealam gus cothroman a chomharrachadh tarsainn com-pàirt treas-ìreach, coimhearsnachd agus coimearsalta. Faodaidh sinn cuideachd dòighean ùra a rannsachadh air conaltradh ri eòlaichean ionadail a tha a’ fosgladh chothroman tarsainn a’ chruinn-eòlais, mar thoradh air co-fhiosrachadh is eòlas ar luchd-obrach a chur còmhla.
C: Ciamar a bheir seo buaidh air Ath-sgrùdadh Curraicealaim UHI?
F: Bheir na molaidhean cothrom dhuinn curraicealam gu tur treas-ìreach a lìbhrigeadh, bho ìre sgoile troimhe gu PhD, tarsainn ar Colaiste co-aonaichte uile.
Poball
Poball
C: A bheil an co-aonachadh dèante mar-thà?
F: Chan eil. Tha am pròiseas co-chomhairleachaidh a’ leantainn air adhart. Is e cothrom nach fhaighear ach aon uair nar beatha a tha seo airson colaiste ùr a thogail de sgèile agus de chudromachd a bhios a’ frithealadh agus a’ cur taic ri mu 9,000 oileanach ann am 20 àrainn dùthchail is eileanach air feadh na Gàidhealtachd, san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar.
C: Carson a dh’fheumas na trì colaistean a bhith air an co-aonachadh?
F: Is e cothrom nach fhaighear tric a tha seo airson colaiste ùr a thogail de sgèile agus de chudromachd a bhios a’ frithealadh agus a’ cur taic ri mu 9,000 oileanach ann am 20 àrainn dùthchail is eileanach air feadh na Gàidhealtachd, san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar. Tha e a’ tarraing còmhla agus a’ togail air sàr-mhathas agus ealantas a th’ ann mar-thà, gus ceum-atharrachaidh a chruthachadh do ionnsachadh treas-ìreach is sgilean, rannsachadh, iomairt agus ùr-ghnàthachadh nar roinn.
Bheir e seirbheis nas fheàrr do ar n-oileanaich agus ar coimhearsnachdan le bhith a’ solarachadh shlighean dreuchdail a tha neartaichte agus toileachas obrach nas fheàrr do ar luchd-obrach. Tha e cuideachd a’ fuasgladh chothroman ùra airson leasachadh ro-innleachdail agus inbheisteadh san àm ri teachd tro cho-obrachaidhean agus pròiseactan àrd-amasail, a tha sinn a’ faighinn doirbh a choileanadh gu làithreach mar cholaistean beaga singilte.
C: Cò tha air a’ bhòrd?
F: Tha am bòrd air a dhèanamh suas de na prionnsapalan agus cathraichean bùird nan trì colaistean, còmhla ri riochdairean luchd-obrach agus oileanaich.
C: Dè an co-chomhairleachadh a tha air tachairt gu ruige seo?
F: San t-Sultain, choinnich 50 riochdaire bho na Bùird, luchd-obrach is buidhnean oileanaich nan colaistean gus deasbad air ar lèirsinn cho-roinnte a thaobh na dh’fhaodadh buidheann ùr a choileanadh, agus na buannachdan is cothroman a dh’fhaodadh seo a tharraing gu ar n-oileanaich, ar luchd-obrach agus ar coimhearsnachdan. Nochd mòran an dìoghras, an ùidh agus an taic do thuilleadh sgrùdaidh air na dh’fhaodte a choileanadh a’ dol air adhart.
C: An lean sibh air adhart a’ co-chomhairleachadh le luchd-obrach, oileanaich agus a’ choimhearsnachd?
F: Gun teagamh sam bith, thèid prògram co-chomhairleachaidh a sgaoileadh a dh’aithghearr.
C: An tèid pàirt sam bith de oighreachd na colaiste a dhùnadh sìos?
F: Bheir an co-aonachadh seachad cothroman air ath-bheachdachadh air ar n-oighreachd – inbheisteadh far am feum sinn agus far a bheil buannachd – agus ar cuideachadh ag ath-chonaltradh le ar coimhearsnachdan. Ceadaichidh e dhuinn cuideachd bun-structar ceart a chur air cùlaibh ar toradh rannsachaidh, gus a chuideachadh gu fàs, maoineachadh a tharraing, co-cheangailte ri ar calpachas nàdarra agus sgilean agus ri speisealachdan a th’ ann taobh a-staigh ar buidheann luchd-obrach.
C: Ciamar a leanas sibh a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curraicealam a tha sibh a’ tabhann freagarrach is feumail do na gnothachasan agus na coimhearsnachdan ionadail?
F: Tha cothrom againn a-nis coimhead gu dlùth ris a’ churraicealam gus cothroman a chomharrachadh tarsainn com-pàirt treas-ìreach, coimhearsnachd agus coimearsalta. Faodaidh sinn cuideachd dòighean ùra a rannsachadh air conaltradh ri eòlaichean ionadail a tha a’ fosgladh chothroman tarsainn a’ chruinn-eòlais.
C: A bheil sibh air co-chomhairleachadh le gnothachasan ionadail?
F: Bheir an co-aonachadh cothrom nas fheàrr dhuinn obrachadh le SMEan agus Meanbh-ghnothachasan. Neartaichidh e cuideachd ar comasan tionnsgaineach gu a dhol an sàs ann an iomairtean roinneil mòr-sgèile nach eil fosgailte gu làithreach ach do fheadhainn eile a’ tighinn a-steach don roinn againn. Bidh cothrom ann cuideachd do ghnothachasan air com-pàirteachadh sa phròiseas leantainneach co-chomhairleachaidh.
C: Carson a tha sibh a’ creidsinn gum bi colaiste cho-aonaichte nas fheàrr air “cothroman fhuasgladh”?
F: Is e cothrom nach fhaighear tric a tha seo airson colaiste ùr a thogail de sgèile agus de chudromachd a bhios a’ frithealadh agus a’ cur taic ri mu 9,000 oileanach ann am 20 àrainn dùthchail is eileanach air feadh na Gàidhealtachd, san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan Siar. Tha e a’ tarraing còmhla agus a’ togail air sàr-mhathas agus ealantas a th’ ann mar-thà, gus ceum-atharrachaidh a chruthachadh do ionnsachadh treas-ìreach is sgilean, rannsachadh, iomairt agus ùr-ghnàthachadh nar roinn.
Bheir e seirbheis nas fheàrr do ar n-oileanaich agus ar coimhearsnachdan le bhith a’ solarachadh shlighean dreuchdail a tha neartaichte agus toileachas obrach nas fheàrr do ar luchd-obrach. Tha e cuideachd a’ fuasgladh chothroman ùra airson leasachadh ro-innleachdail agus inbheisteadh san àm ri teachd tro cho-obrachaidhean agus pròiseactan àrd-amasail, a tha sinn a’ faighinn doirbh a choileanadh gu làithreach mar cholaistean beaga singilte.
C: Dè an cùmhnant ùr sòisealta a th’ agaibh leis a’ choimhearsnachd?
F: Tha cothrom againn a-nis a dhol air ais gu ar coimhearsnachdan agus conaltradh riutha air bunait ath-nuadhaichte – ath-fhoillseachadh air na tha againn ri thabhann – cùmhnant ùr sòisealta le ar coimhearsnachdan.